YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 24

24
1 Cha chòir do neach farmad a ghabhail ri droch dhaoine. 11 Rannsaichidh Dia an cridhe, agus ìocaidh e do gach duine a rèir a ghnìomharan. 30 Bochdainn an duine leisg.
1Na gabh farmad ri droch dhaoine#Salm 37:1; Gnà 23:17, agus na miannaich a bhith maille riu:
2Oir smaoinichidh an cridhe air milleadh#Salm 64:2‐6, agus labhraidh am bilean mu dhonas.
3Le gliocas togar taigh#Gnà 14:1, agus le tuigse daingnichear e;
4Agus le eòlas lìonar a sheòmraichean leis gach saoibhreas luachmhor agus taitneach.
5Tha an duine glic na dhuine làidir#Gnà 21:22; agus tha fear an eòlais treun ann an neart.
6Oir le comhairle ghlic nì thu do chogadh; agus ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.
7Tha gliocas àrd airson amadain#Salm 10:5; anns a’ gheata na fosgladh e a bheul.
8Esan a smaoinicheas air olc a dhèanamh, goirear fear nan droch innleachd dheth#Gnà 14:22.
9Is peacadh smuaintean na h‑amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine.
10Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair#Eabh 12:5, is beag do neart.
11Ma dhearmadas tu iadsan a thèarnadh a thàirngear a‑chum bàis#Salm 82:4; Isa 58:6, 7, agus iadsan a tha ullamh gu bhith air am marbhadh;
12Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near#Ier 32:19? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan#Iob 24:11; Salm 62:12; Ròm 2:6?
13A mhic, ith thusa mil, do bhrìgh gu bheil i math, agus a’ chìr mheala a tha milis dod bhlas.
14Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam#Salm 19:10; 119:103, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas.
15Na dèan feall‐fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite‐còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad‐tàimh.
16Oir seachd uairean tuitidh am fìrean#Mic 7:8, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc#Amos 8:14.
17Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach#Iob 31:29, agus nuair a thuislicheas e, na dèanadh do chridhe gàirdeachas:
18Air eagal gum faic an Tighearna, agus gum bi e olc na shùilean#Obad 1:12‐21, agus gun tionndaidh e a fhearg uaithe.
19Na biodh campar ort mu dhroch dhaoine#Salm 37:1; Gnà 23:17, agus na gabh farmad ris na h‑aingidh:
20Oir cha bhi crìoch mhath air an droch dhuine; cuirear lòchran nan aingidh as.
21A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an rìgh ort#1 Pead 2:13‐17: riùsan aig a bheil atharrachadh giùlain#24:21 a tha air an toirt do chaochladh. na biodh gnothach agad:
22Oir gu h‑obann thig an dòrainn; agus cò dom fios an sgrios araon?
23Buinidh na nithean seo mar an ceudna do dhaoine glice. Cha mhath an nì gnùis aithneachadh ann am breitheanas#Lebh 19:15.
24Esan a their ris an aingidh, Tha thu cothromach, mallaichidh an sluagh e; gabhaidh na fineachan gràin dheth.
25Ach bidh toil‐inntinn acasan a chronaicheas e, agus thig beannachadh math orra.
26Pògar bilean an tì a bheir freagradh ceart.
27Ullaich d’obair a‑muigh, agus deasaich i dhut fhèin anns an achadh, agus na dhèidh sin tog do thaigh.
28Na bi ann ad fhianais gun adhbhar an aghaidh do choimhearsnaich; agus na meall led bhilean.
29Na abair, Mar a rinn e orm, mar sin nì mi air#Mat 5:39, 44; Ròm 12:17, 19: ìocaidh mi don duine a rèir a obrach.
30Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fìonlios an duine gun tuigse;
31Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche.
32An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam.
33Fhathast beagan cadail, beagan clò‐chadail#Gnà 6:9‐11, beagan pasgadh nan làmh gu cadal:
34An sin thig do bhochdainn mar fhear‐siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 24: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in