YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 20

20
1 Tha e na nì urramach fantainn o aimhreit. 10 Is gràineileachd do Dhia tomhas cealgach. 22 Cha chòir do neach olc ìocadh airson uilc.
1Is cealgach#20:1 is fear‐fanaid fìon. an nì fìon#Isa 28:7; Hos 4:11, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic.
2Mar bheucaich leòmhainn tha eagal rìgh: an tì a bhrosnaicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh a anama fhèin.
3Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit#Gnà 16:32; ach measgaidh gach amadan innte.
4Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh#Gnà 19:15, ach chan fhaigh e#20:4 agus chan eil nì ann..
5Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i.
6Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin#Mat 6:2; ach cò a gheibh duine fìrinneach#Lùc 18:8, 11?
7Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.
8Nuair a shuidheas rìgh air cathair‐bhreitheanais, sgaoilidh e gach olc le a shùilean#2 Sam 23:4.
9Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe#2 Each 6:36; 1 Eòin 1:8, tha mi glan om pheacadh?
10Aon chothrom agus cothrom eile#Deut 25:13, aon soitheach‐tomhais agus soitheach‐tomhais#20:10 clach agus clach, ephah agus ephah. eile, is gràinealachd iad araon don Tighearna.
11Aithnichear eadhon leanabh le a bheusan, am bi a dhèanadas glan, agus am bi e ceart.
12A’ chluas a chluinneas#Salm 94:9, agus an t‑sùil a chì, rinn an Tighearna iad araon.
13Na gràdhaich cadal#Ròm 12:11, air eagal gun tig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsaichear thu le aran.
14Is olc, is olc e, arsa an ceannaiche; ach nuair a dh’imicheas e roimhe, an sin nì e uaill.
15Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire#Gnà 8:19.
16Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach; agus airson ban‐choigrich gabh an geall uaithe.
17Is milis le duine aran na ceilge; ach na dhèidh sin lìonar a bheul de ghaineamh.
18Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh#Gnà 24:6; Lùc 14:31.
19A’ foillseachadh nithean diamhair, imichidh fear‐tuaileis mun cuairt: uime sin ris‐san a nì miodal le a bhilean na biodh gnothach agad.
20Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais.
21Faodar oighreachd fhaotainn gu luath an toiseach; ach cha bhi a crìoch beannaichte.
22Na abair, Iocaidh mi olc airson uilc#Ròm 12:17‐19; 1 Tes 5:13: feith air an Tighearna#2 Sam 16:22, agus saoraidh e thu.
23Is gràinealachd don Tighearna aon chlach‐thomhais agus clach‐thomhais eile, agus chan eil meidhean mealltach math.
24Is ann on Tighearna a tha ceuman duine#Ier 10:23; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin?
25Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh.
26Sgapaidh rìgh glic na h‑aingidh, agus bheir e air an roth teachd thairis orra.
27Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom.
28Gleidhidh tròcair agus fìrinn rìgh; seadh, le tròcair daingnichear a rìgh‐chathair.
29Is e urram dhaoine òga an neart; agus is e maise sheann daoine an ceann liath.
30Glanaidh guirme cneidhe olc; mar sin glanaidh buillean na bheil an taobh a‑staigh den chom#Eabh 12:10.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 20: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in