YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 21

21
1 Rannsaichidh Dia cridhe an duine. 15 Ròghnaichidh am fìrean breitheanas. 27 Tha ìobairt nan aingidh na gràineileachd an làthair Dhè.
1Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e.
2Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan.
3Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt#1 Sam 15:22.
4Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh.
5Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da‑rìribh gu dìth.
6Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich#2 Pead 2:3, is dìomhanas e air a luasgadh a‑null agus a‑nall aig an dream a dh’iarras am bàs.
7Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gun diùlt iad breitheanas a dhèanamh.
8Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a‑thaobh an fhìorghlain, tha a dhèanadas dìreach.
9Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn‐mullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing.
10Miannaichidh anam an aingidh olc: chan fhaigh a choimhearsnach deagh‐ghean na shùilean.
11Nuair a nìthear peanas air fear‐fochaid, fàsaidh am baoghalta glic; agus nuair a theagaisgear an duine glic, gheibh e eòlas.
12Bheir am fìrean an aire gu glic do thaigh an aingidh#Salm 107:43; Hos 14:9: tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn airson an aingidheachd.
13An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd#Mat 18:33, 34; 25:41‐46, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.
14Ciùinichidh tìodhlac ann an diamhaireachd fearg; agus duais anns an uchd, corraich dhian.
15Is aoibhneas don fhìrean breitheanas a dhèanamh; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt#Mat 7:23.
16An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse#Gnà 13:20, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh.
17Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.
18Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh#Gnà 11:8; Isa 43:3, 4, agus airson nan ionraic an duine fealltach.
19Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich.
20Tha ionmhas taitneach#Lùc 6:45 agus ola#Mat 25:3, 4 ann an àite‐còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e.
21An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha#Ròm 2:7, fìreantachd, agus urram.
22Do chathair#21:22 bhaile‐mòr. nan daoine treuna sreapaidh an duine glic#Ecl 9:14‐16, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa.
23An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan.
24Fear‐magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair.
25Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh.
26Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e.
27Is gràinealachd ìobairt nan aingidh#Isa 1:11‐15: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?
28Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche.
29Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach.
30Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna#Isa 8:9, 10; Gnìo 5:39.
31Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 21: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in