Gnàth‐fhacal 13
13
1 Cuiridh duine glic faire air a bheul. 12 Nì an dòchas a shìnear, an cridhe tinn. 20 Sgriosar companach nan aingidh.
1Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan#Isa 28:14, 15.
2De thoradh a bheòil ithidh duine nì math; ach ithidh anam nan eucorach ainneart#Salm 75:8; Ier 25:27‐31.
3Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam#Seum 3:2, etc.; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air.
4Miannaichidh anam an leisgein#Gnà 10:4, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor.
5Is beag air an fhìrean na breugan#Salm 119:163; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàraichear e.
6Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe#Gnà 11:5, 6; ach claoidhidh aingidheachd am peacach.
7Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige#Gnà 13:11; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd#Ecl 11:1, 2, agus mòr shaoibhreas aige.
8Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan.
9Nì solas nam fìrean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh#Iob 18:5, 6.
10O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas.
11Lùghdaichear saoibhreas an#13:11 a gheibhear le dìomhanas. dìomhanais#Gnà 20:21; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e#Salm 128:2.
12Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e#Gen 21:3‐8; Lùc 2:28‐32.
13Esan a nì tàir air facal, millear e#2 Each 36:16; Lùc 16:31; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd#Salm 115:13.
14Is tobar beatha lagh an duine ghlic#Gnà 14:27, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis#2 Sam 22:6, 7.
15Bheir tuigse mhath deagh‐ghean; ach is cruaidh slighe luchd‐easaontais.
16Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd.
17Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas.
18Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram#Gnà 15:5.
19Is milis don anam am miann a choileanar#Gnà 13:12; ach is beag air amadain dealachadh ris an olc.
20An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar#13:20 fàsaidh olc. companach nan amadan#1 Cor 15:33.
21Leanaidh olc peacaich#Salm 32:10; 140:11; ach do na fìreanan ìocar math.
22Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich#Ecl 2:26.
23Bidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais.
24An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac#Gnà 19:18; 22:15; 23:13; 29:15, 17; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth.
25Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh#2 Tes 3:10.
Currently Selected:
Gnàth‐fhacal 13: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017