YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 12

12
1 Dìonaidh Dia an duine maith, ach dìtidh e fear nan droch innleachd. 14 Ìocar luigheachd a làmh do gach neach. 22 Tha bilean nam breug nan gràineileachd do Dhia.
1Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.
2Gheibh duine math deagh‐ghean on Tighearna; ach dìtidh e fear nan droch innleachd.
3Cha daingnichear duine le aingidheachd#Ecl 8:8; ach cha ghluaisear freumh nam fìrean.
4Tha bean mhath na crùn da fear#1 Sam 25:33; 1 Cor 11:7; ach mar lobhadh na chnàmhan tha ise a nàraicheas e.
5Is ceartas smuaintean nam fìrean; ach is cealg comhairle nan aingidh.
6Is iad briathran nan aingidh feall‐fheitheamh airson fala; ach tèarnaidh beul nan ionraic iadsan.
7Tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn#Mat 7:24‐27, agus cha bhi iad ann; ach seasaidh taigh nam fìrean.
8A rèir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas air‐san a tha fiar na chridhe.
9Is fheàrr esan air an dèanar tàir, agus a tha na sheirbhiseach dha fhèin, na esan a bheir urram dha fhèin, agus a bhios a dhìth arain.
10Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.
11Esan a threabhas a fhearann, sàsaichear le aran e#Salm 128:2; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse#Ion 2:8.
12Miannaichidh an t‑aingidh lìon#12:12 no, buannachd. dhroch dhaoine; ach bheir freumh nam fìrean toradh.
13Le peacadh a bhilean ribear an droch dhuine#Gnà 18:7; ach thèid am fìrean as o airc#2 Pead 2:9.
14De thoradh a bheòil sàsaichear duine le math; agus ìocar luigheachd làmh duine dha fhèin#Isa 3:10, 11.
15Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.
16Aithnichear air ball fearg an amadain#Gnà 29:11; ach ceilidh duine ciallach masladh.
17Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh fianais bhreugach cealg.
18Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh#Salm 57:4; ach is slàinte teanga nan daoine glice.
19Bidh bilean na fìrinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga breugach ach car tiota.
20Is cealg a bhios ann an cridhe luchd‐deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas.
21Chan èirich aimhleas air bith don fhìrean#1 Pead 3:13; ach lìonar na h‑aingidh le olc.
22Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug#Isa 32:8; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd.
23Ceilidh duine ciallach eòlas#Gnà 15:2; Ecl 10:12‐14; ach foillsichidh cridhe nan amadan amaideachd#Ecl 10:3.
24Riaghlaidh làmh nan dìcheallach; ach bidh làmh na leisge fo chìs.
25Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e#Gnà 15:23.
26Is fheàrr am fìrean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seachran iad fhèin#Gnà 12:13.
27Cha ròist an leisgean a shitheann; ach is luachmhor saoibhreas an duine dhìcheallaich.
28Ann an slighe na fìreantachd tha beatha; agus na ceum chan eil bàs.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 12: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in