YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 11

11
1 Is taitneach le Dia an duine ionraic, 5 ach sgriosar an t‑aingidh as a làthair. 15 Ciùrrar esan a thèid an urras air coigreach. 20 Is gràineileachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe. 31 Gheibh am fìrean duais air thalamh.
1Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna#Deut 25:13‐16; ach is taitneach leis tomhaisean cearta.
2Nuair a thig uabhar, thig masladh#Daniel 4:30, 31; ach aig na h‑iriosail tha gliocas.
3Seòlaidh ionracas nam fìrean iad#Gnà 13:6; ach millidh fiaradh luchd dòbheairt iad fhèin.
4Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge#Esec 7:19; Seph 1:18; ach saoraidh fìreantachd on bhàs.
5Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh.
6Saoraidh fìreantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean nan olc fhèin.
7Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid as da dhòchas; agus teirigidh dùil luchd‐euceirt.
8Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite#Gnà 21:18; Est 7:9, 10.
9Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan.
10Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan#Est 8:15, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.
11Le beannachadh nan ionraic àrdaichear baile#Gnà 14:34; ach le beul nan aingidh leagar e.
12Nì esan a tha as eugmhais gliocais tàir air a choimhearsnach; ach bidh fear na tuigse na thosd.
13Imichidh fear tuaileis mun cuairt a’ foillseachadh nithean diamhair; ach esan a tha fìrinneach na spiorad, ceilidh e nì.
14Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.
15Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd‐urrais, bidh e tèarainte.
16Gheibh bean ghràsail urram#Gnà 31:30; agus cosnaidh daoine làidir saoibhreas.
17Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin#Mat 5:7; 25:34, etc.; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin.
18Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach#Hos 10:12; Gal 6:8, 9; Seum 3:18.
19Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e.
20Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe#Salm 11:7.
21Ged iadhadh làmh mu làimh#Isa 27:4, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.
22Mar fhàinne òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse.
23Tha miann nam fìrean a‑mhàin math; ach is e dòchas nan aingidh fearg#Ròm 2:8, 9; Eabh 10:27.
24Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire#Deut 15:10; 2 Cor 9:6; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn#Hag 1:6, 9‐11.
25Nìthear an t‑anam fial sultmhor#Isa 32:8; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin#Lùc 6:38.
26Esan a chumas air ais#11:26 chumas air ais. sìol, mallaichidh an sluagh e; ach bidh beannachd air ceann an tì a reiceas#Iob 29:13.
27Esan a dh’iarras math gu dùrachdach, gheibh e deagh‐ghean; ach an tì a dh’iarras olc, thig e air fhèin.
28Esan a dh’earbas as a shaoibhreas, tuitidh e#Marc 10:24; 1 Tim 6:9; ach mar ghèig, thig na fìreanan fo bhlàth.
29Esan a chuireas a theaghlach fhèin fo bhuaireas, bidh e na oighre air a’ ghaoith; agus an t‑amadan na sheirbhiseach dhàsan a tha glic na chridhe.
30Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic#Mat 4:19; Seum 5:20.
31Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach#Ier 25:29; 1 Pead 4:17, 18.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 11: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in