YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 9

9
1 Tha am fàidh a’ caoidh aingidheachd a shluaigh, 9 agus nam breitheanas a thàinig orra. 12 Nochd e dhaibh gun do smachdaich Dia iad a chionn agus nach robh iad ùmhal da ghuth. 23 Chomhairlich e dhaibh gun uaill a dhèanamh nan gliocas fhèin.
1Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche#Isa 22:4; Tuir 2:11; 3:48 airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!
2Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir‐thurais#Salm 55:6‐8, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd‐adhaltranais iad uile#Ier 5:7, 8, coitheanal de dhaoine cealgach#Mic 7:2‐5.
3Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha#Isa 59:3, 4 a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn#Iùd 1:3 anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc#2 Tim 3:13, agus chan eil eòlas aca ormsa#Hos 4:1‐3, deir an Tighearna.
4Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach.
5Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt.
6Tha do chòmhnaidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’ diùltadh eòlas a ghabhail ormsa, deir an Tighearna.
7Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad#Isa 1:25, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?
8Tha an teanga mar shaighead fir‐mhillidh#Salm 64:3, 4; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach#Salm 28:3, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air.
9Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh#9:10 cluainean. an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.
11Agus nì mise Ierusalem na cùirn#Tuir 2:2, 7, 8, na h‑uaimh dhràgon; agus bailtean Iùdah nì mi nam fàsach, gun neach gan àiteachadh.
12Cò e an duine glic#Hos 14:9, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?
13Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gun do thrèig iad mo reachd a chuir mise fan comhair#Deut 29:24‐28, agus nach robh iad umhail dom ghuth, cha mhò a ghluais iad da rèir;
14Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh:
15Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, beathaichidh mise iad#Salm 80:5, eadhon an sluagh seo, le searbh‐luibhean#Tuir 3:15, 19, agus bheir mi uisge domblais dhaibh ra òl.
16Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach#Lebh 26:33; Deut 28:64, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh.
17Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Thugaibh fa‑near, agus gairmibh mnathan‐tuiridh, agus thigeadh iad; agus cuiribh fios air mnathan seòlta, agus thigeadh iadsan:
18Agus deifricheadh iad, agus togadh iad suas caoidh air ar son, a‑chum gun ruith ar sùilean sìos le deòir, agus gum brùchd ar rosgan a‑mach le uisgeachan.
19Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan‐còmhnaidh.
20Air an adhbhar sin èisdibh, O mhnathan, facal an Tighearna#Isa 32:9‐13, agus glacadh ur cluas facal a bheòil; agus teagaisgibh dur nigheanan caoidh, agus gach aon da bana‑choimhearsnaich tuireadh:
21Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.
22Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional.
23Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:
24Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo#1 Cor 1:31, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd‐sa#Mic 7:18, deir an Tighearna.
25Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an smachdaich mise na h‑uile a tha timcheall‐gheàrrte#Ròm 2:8, 9, maille ris an neo‐thimcheall‐gheàrrte;
26An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo‐thimcheall‐gheàrrte nan cridhe#Ròm 2:28, 29.

Currently Selected:

Ieremiah 9: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in