YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 10

10
1 Chan eil neach air bith ann cosmhail ri Dia cumhachdach Israeil. 17 Thug am fàidh fios don t‑sluagh gun claoidhear iad. 23 Rinn e ùrnaigh ri Dia.
1Cluinnibh am facal a tha an Tighearna a’ labhairt ribh, O thaigh Israeil.
2Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach#Lebh 18:3; 20:23, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.
3Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor‐dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille#Isa 40:19, etc., obair‐làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.
4Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i.
5Mar chrann‐pailme tha iad seo rag#Salm 115:5, etc.; Hab 2:19, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.
6Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa#Ecs 15:11, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd.
7Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh#Tais 15:4? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach#Salm 89:6, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.
8Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais#Isa 41:29.
9Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas#Daniel 10:5; obair an fhir‐obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta.
10Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò#1 Tim 6:17, agus an rìgh bithbhuan#Salm 10:16: ro a chorraich‐san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.
11Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh#Sech 13:2, agus o bhith fo na nèamhan seo.
12Rinn esan an talamh le a chumhachd#Ier 51:15‐19, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.
13Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth#Iob 38:34, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn#Salm 135:7: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan‐tasgaidh.
14Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas#Salm 92:6; 94:8; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.
15Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha.
16Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib#Salm 16:5; oir is esan fear‐cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd#Deut 32:9; Salm 74:2; Tighearna nan sluagh is ainm dha#Isa 47:4.
17Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich:
18Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd‐àiteachaidh na tìre#1 Sam 25:29, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas#Esec 6:10.
19Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang#Mic 7:9.
20Tha mo phàillean air a chur fàs, agus tha mo chùird gu lèir air am briseadh; dh’imich mo chlann a‑mach uam, agus chan eil iad ann: chan eil neach ann a sgaoileas mo phàillean a‑mach nas mò, no a chuireas suas mo sgàil.
21Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil#Ier 2:8; Esec 34:2‐10; Sech 10:3, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh.
22Fuaim an iomraimh! Feuch, tha i a’ teachd dlùth, eadhon gluasad mòr on tìr mu thuath, a dhèanamh bailtean Iùdah nam fàsach, nan àite‐còmhnaidh do dhràgonan.
23Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin#Gnà 16:1; 20:24: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh.
24O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas#Ier 30:11; Salm 6:1; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh.
25Dòirt a‑mach do dhian‐chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort#Salm 79:6, 7, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh#Tuir 2:22, agus rinn iad a àite‐còmhnaidh fàsail.

Currently Selected:

Ieremiah 10: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Ieremiah 10