YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 8

8
1 Teanntachd agus trioblaidean nan Iùdhach. 5 Chronaich am fàidh iad airson an cùl‐sleamhnachaidh. 13 Nochd e dhaibh na breitheanais a bha gu teachd orra, 18 agus rinn e caoidh airson an leòin.
1Anns an àm sin, deir an Tighearna, bheir iad a‑mach cnàmhan rìghrean Iùdah#Esec 37:1, agus cnàmhan a prionnsachan, agus cnàmhan nan sagart, agus cnàmhan nam fàidhean, agus cnàmhan luchd‐àiteachaidh Ierusaleim as an uaighean;
2Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh#2 Rìgh 23:5, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn#2 Rìgh 9:37.
3Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha#Tais 9:6 leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh.
4Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais?
5Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl‐sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh#Eòin 5:40.
6Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian‐ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig.
7Seadh, is aithne don chorra‑bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman#DànShol 2:12 agus don chorra‑mhonaidh agus don ghòbhlan‐ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh‐sa breitheanas an Tighearna.
8Cionnas a their sibh, Tha sinn glic#Eòin 9:41; Ròm 2:17, etc., agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit‐sgrìobhaidh#Mat 15:6; 1 Cor 1:27‐29, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas.
9Nàraicheadh na daoine glice, tha iad fo gheilt, tha iad an sàs; feuch, ri facal an Tighearna chuir iad cùl; agus ciod an gliocas a tha aca#Isa 8:20?
10Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan#8:10 do shannt. ana‑miannan#Isa 56:11; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
11Agus leighis iad lot nighean mo shluaigh‐sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth#Esec 13:10; agus gun sìth ann.
12An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad#Deut 32:35; Hos 5:9, deir an Tighearna.
13Nì mise gu buileach an sgrios, deir an Tighearna; cha bhi fìondhearc air an fhìonain, no fìgean air a’ chrann‐fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithean a thug mise dhaibh siùbhlaidh uapa#Hos 2:8, 9.
14Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl#Ier 23:15, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna.
15Bha sùil againn ri sìth#Ier 14:19, ach math sam bith cha tàinig; ri aimsir slàinte, agus feuch uamhas!
16O Dhan chualas srannail a chuid each#Ier 4:15: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile#Bri 5:22: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na#8:16 a lànachd. chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh.
17Oir feuch, cuiridh mise nur measg nathraichean, rìgh‐nathraichean, air nach laigh geasan#Salm 58:4, 5, agus teumaidh iad sibh, deir an Tighearna.
18Chan eil leigheas air mo bhròn: tha mo chridhe fo leòn an taobh a‑staigh dhìom.
19Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion#Ier 31:6; Salm 135:21; Tais 2:1? Nach eil a rìgh innte#Isa 33:22? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte#Deut 32:21, agus len dìomhanais choimheach?
20Chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh crìochnaichte, ach chan eil sinne air ar saoradh.
21Airson leòn nighean mo shluaigh, tha mise air mo leòn; tha mi dubh‐bhrònach#Ioel 2:6; rinn uamhann mo ghlacadh.
22Nach eil ìocshlaint ann an Gilead#Ier 46:11; Gen 37:25? Nach eil lèigh an sin#Mat 9:11, 12? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh‐sa?

Currently Selected:

Ieremiah 8: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Ieremiah 8