YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 7

7
1 Chuir Dia Ieremiah a ghairm nan Iùdhach gu aithreachas, a‑chum is nach bitheadh iad air an giùlan ann am braighdeanas. 17 Bhagair an Tighearna iad le fheirg, do bhrìgh gun do chuir iad campar air len iodhalan‐adhraidh. 21 Ghluais an sluagh ann an comhairlean ais‐innleachdach an cridhe fhèin. 32 Breitheanais air am bagradh orra airson an droch ghnìomharan.
1Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh;
2Seas ann an geata taigh an Tighearna, agus glaodh anns an àite sin am facal seo, agus abair, Cluinnibh facal an Tighearna, uile Iùdah, sibhse a tha ag imeachd a‑steach air na dorsan seo gu adhradh a thoirt do Iehòbhah.
3Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan#Isa 1:16, 17; Mat 3:8, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.
4Na earbaibh à briathran breugach#Mic 3:11; Mat 3:9, 10, ag ràdh, Is teampall an Tighearna, teampall an Tighearna, teampall an Tighearna iad seo.
5Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach;
6Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile#Deut 6:14, 15, a‑chum ur dòrainn fhèin:
7An sin bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo#Deut 4:40, anns an fhearann a thug mi dur n‑athraichean, o linn gu linn.
8Feuch, tha sibhse a’ dèanamh buin à briathran breugach o nach faigh sibh buannachd.
9Ciod? Am feadh tha sibh a’ goid#Hos 4:1, 2; Ròm 2:2, 17‐29, a’ mortadh, agus a’ dèanamh adhaltranais, agus a’ mionnachadh gu breugach, agus a’ losgadh tùise do Bhàal, agus a’ gluasad air lorg dhiathan coimheach, air nach robh eòlas agaibh:
10An tig sibh an sin, agus an seas sibh ann am làthair‐sa#Esec 23:39, anns an taigh seo a tha air a ghairm air m’ainm, agus an abair sibh, Tha sinn air ar toirt thairis a‑chum nan gràinealachdan seo uile a chur an gnìomh?
11An e gun do rinneadh an taigh seo, a dh’ainmicheadh ormsa#2 Each 6:33, na shloc mhèairleach#Mat 21:13 nur sùilean‐se? Feuch, chunnaic mise fhèin e, deir an Tighearna.
12Ach rachaibh a‑nis dom àite‐sa a tha ann an Siloh#Ios 18:1, far an do chuir mi m’ainm an toiseach#Deut 12:11, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel#Ier 26:6; 1 Sam 4:11, etc.; Salm 78:60, 61.
13Agus a‑nis, a chionn gun do rinn sibhse na h‑obraichean seo uile, deir an Tighearna, agus gun do labhair mise ribh ag èirigh gu moch#2 Each 36:15, agus a’ labhairt#Neh 9:29, 30, ach cha d’èisd sibhse; agus gun do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh#Isa 65:12; 66:4:
14Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.
15Agus tilgidh mi sibh a‑mach à m’ fhianais#2 Rìgh 17:23, mar a thilg mi a‑mach ur bràithrean uile, an t‑iomlan de shliochd Ephraim#Salm 78:67; Hos 9:3.
16Air an adhbhar sin, na guidh thusa airson an t‑sluaigh seo#1 Eòin 5:16, cha mhò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, cha mhò a nì thu eadar‐ghuidhe riumsa; oir chan èisd mise riut#Ier 15:1.
17Nach faic thu ciod a tha iad seo a’ dèanamh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim?
18Tha a’ chlann a’ tional connaidh, agus na h‑athraichean a’ fadadh an teine, agus na mnathan a’ fuineadh taoise, a dhèanamh bhreacag do bhànrighinn nèimh, agus a dhòrtadh a‑mach thabhartas‐dibhe do dhiathan eile, gu campar a chur ormsa.
19A bheil iad a’ cur campair ormsa#1 Cor 10:22? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin?
20Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg‐sa agus mo dhian‐chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh.
21Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuiribh ur tabhartasan‐loisgte ri ur n‑ìobairtean#Amos 5:21 agus ithibh feòil.
22Oir cha do labhair mise ri ur n‑athraichean#1 Sam 15; Salm 40:6; Hos 6:6, cha mhò a dh’àithn mi dhaibh, anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, mu thimcheall thabhartas‐loisgte do ìobairtean:
23Ach an nì seo dh’àithn mi dhaibh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth#Ecs 15:26; Deut 6:3, agus bidh mise am Dhia dhuibh‐se#Ecs 19:5; Lebh 26:3, 12, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa; agus gluaisibh anns na h‑uile shlighean a dh’àithn mi dhuibh, a‑chum gun èirich gu math dhuibh.
24Ach cha d’èisd iad#Salm 81:11, 12, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais‐innleachdach an droch chridhe fhèin#Ier 11:7, 8, agus chaidh iad air an ais#Hos 4:16, agus chan ann air an aghaidh.
25On là air an tàinig ur n‑athraichean a‑mach à tìr na h‑Eiphit gus an là‑an‑diugh, chuir mi dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gach là gu moch agus gan cur a‑mach:
26Gidheadh cha d’èisd iad rium, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach chruadhaich iad am muineal#Neh 9:17, 29; rinn iad na bu mhiosa na an athraichean#Ier 16:12.
27Uime sin, labhraidh tu na briathran seo uile riu, ach chan èisd iad riut: glaodhaidh tu riu mar an ceudna, ach cha fhreagair iad thu.
28Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh#Ier 32:33: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i.
29Geàrr dhìot do ghruag#Iob 1:20; Mic 1:16, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich.
30Oir rinn clann Iùdah olc ann am shealladh‐sa, deir an Tighearna; chuir iad an gràinealachdan anns an taigh a dh’ainmicheadh ormsa#2 Rìgh 21:4, 7; Esec 8:5, etc., a‑chum a thruailleadh.
31Agus thog iad ionadan àrda Thopheit#2 Rìgh 23:10, a tha ann an gleann mac Hinoim, a losgadh am mac#Salm 106:38 agus an nighean anns an teine; nì nach d’àithn mise, is nach tàinig idir ann am chridhe.
32Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach goirear nas mò ris Tophet, no gleann mac Hinoim; ach gleann a’ mharbhaidh: oir adhlaicidh iad ann an Tophet#Ier 19:6, 11; Esec 6:5, etc., gus nach bi àite falamh ann.
33Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair#Deut 28:26; Salm 79:2 agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad.
34An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais#Isa 24:7, 8; Hos 2:11, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda; bidh an dùthaich na fàsach#Lebh 26:33; Isa 3:26.

Currently Selected:

Ieremiah 7: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Ieremiah 7