YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 6

6
1 Tha naimhdean Iùdah dian gu a lùchairtean a sgrios. 9 Ghearain am fàidh gu robh an sluagh a’ trèigsinn an Tighearna: 18 Dh’fhoillsich e breitheanais Dhè; 26 Agus bhrosnaich e an sluagh gu aithreachas.
1Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem#Neh 3:14 fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath#Esec 26:7, etc., agus dòrainn mhòr.
2Cosmhail ri àite‐ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shion.
3Da h‑ionnsaigh thig na buachaillean len treudan: suidhichidh iad am pàilleanan na h‑aghaidh air gach taobh#2 Rìgh 25:1; ionaltraidh iad gach aon na àite fhèin.
4Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad#Ier 8:20; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach.
5Eiribh, agus rachamaid suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean.
6Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith.
7Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan#Isa 57:20, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch‐bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte#Esec 7:11, 23: am làthair‐sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh.
8Gabh fòghlam, O Ierusaleim#Gnà 4:13; Seph 3:7, air eagal gun dealaich m’anam riut#Esec 23:18; air eagal gun dèan mi fàsach dhìot, fearann neo‐àitichte.
9Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear‐tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan.
10Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh#Isa 53:1, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall‐ghearradh#Gnìo 7:51, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh#Ier 20:8, 9; chan eil tlachd aca ann.
11Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean#Ier 9:21, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean#Isa 1:16, 17; Mat 3:8, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean.
12Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd‐àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.
13Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da#6:13 do shannt. ana‑miannan#Mic 3:5, 11; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.
14Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh‐sa gu faoin#Ier 8:11, 12, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann#Tuir 2:14.
15An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh#Ier 3:3? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas#Gnà 29:1; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.
16Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh#Ier 50:5 airson nan seann cheuman#Ier 18:15; Mal 4:4, Càit a bheil an t‑slighe mhath#DànShol 1:7, agus gluaisibh innte#Col 2:6; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman#Mat 11:29. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
17Chuir mi mar an ceudna luchd‐faire os ur cionn#Esec 3:17; Hab 2:1, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn#Sech 7:11.
18Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh!
19Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin#Gnà 1:31; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris#Gnà 28:9.
20Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba#Salm 50:7‐9; Isa 1:11; Amos 5:21, 22; Mic 6:6‐8, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan‐loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.
21Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan‐tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo#Esec 3:20; Ròm 11:9, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile.
22Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath#Ier 6:1, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.
23Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge#Isa 5:30 agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh‐sa, O nighean Shioin.
24Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn#Ier 13:21; Gnà 1:27, 28; Tuir 1:12; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.
25Na rachaibh a‑mach don mhachair, na siùbhlaibh anns an t‑slighe; oir an sin tha claidheamh an nàmhaid#Ier 4:10; Isa 1:20, uamhas air gach taobh.
26O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach‐saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre#Ier 25:34; Mic 1:10: dèan caoidh mar airson aon mhic#Tuir 1:16, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn.
27Shònraich mi thusa gu bhith ad bhaideal, ad dhaingneach am measg mo shluaigh; agus aithnichidh tu, agus dearbhaidh tu an slighe.
28Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach#Ier 9:4: is umha agus iarann iad#Isa 1:22, 25; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd.
29Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaithe; leagh am fear‐leaghaidh gu dìomhain; oir chan eil iadsan a tha olc air an sgaradh air falbh:
30Airgead nach fiù theirear riu#Mat 5:13, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu.

Currently Selected:

Ieremiah 6: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Ieremiah 6