YouVersion Logo
Search Icon

Ieremiah 5

5
1 Na breitheanais a thug Dia air na h‑Iùdhaich airson an aingidheachd, 7 an adhaltranais, 10 an ceilge, 20 agus an euceartan.
1Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine#Gen 18:23, etc.; Esec 22:30, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas.
2Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna#Tìt 1:16, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach.
3O Thighearna, nach eil do shùilean‐sa air an fhìrinn#2 Each 16:9? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn#Ier 7:28; Isa 9:13; Seph 3:1, 2; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh#Eabh 12:9; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.
4An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna#Mat 11:5, breitheanas an Dè.
5Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna#Mic 3:1, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing#Salm 2:3, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.
6Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios#Hos 13:7; Amos 5:18, 19, nì madadh‐allaidh#Esec 22:27; Seph 3:3 an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl‐sleamhnachadh minig.
7Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan#Ios 23:7; Seph 1:5: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.
8Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich.
9Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc#Ier 5:29; Ier 9:9, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
10Rachaibh‐se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan#Ier 4:27; 30:11: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.
11Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna.
12Dh’àich iad an Tighearna#2 Each 36:16, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn#Isa 28:15; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn.
13Ach bidh na fàidhean mar ghaoith#Ier 14:13, 15; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin.
14Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul‐sa na theine#Ier 20:9, 11, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad.
15Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin#Deut 28:49; Isa 5:26; 29:3, 6, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.
16Tha am balg‐saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna.
17Agus caithidh iad d’fhogharadh#Lebh 26:16; Deut 28:31, 33 agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn‐fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.
18Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh#Ier 5:10.
19Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile#Deut 29:24, etc.; 1 Rìgh 9:8, 9? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin#Deut 28:48.
20Innsibh‐se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh,
21Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì‐chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic#Isa 6:9; Esec 12:2; Eòin 12:40; Ròm 11:8; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn.
22Nach bi eagal oirbh romhamsa#Ier 10:7; Tais 15:4, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair‐sa#Salm 99:1, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge#Iob 38:11; Gnà 8:29, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?
23Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas‐umhail agus ceannairceach#Hos 4:8: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh#Isa 31:6.
24Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin#Deut 11:13, 14; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son#Gen 8:22.
25Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh#Ier 3:3; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh.
26Oir gheibhear am measg mo shluaigh‐sa droch dhaoine: tha iad ri feall‐fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine.
27Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir#Mic 6:12.
28Tha iad air fàs reamhar#Deut 32:15, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis#Ier 22:15‐19, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.
29Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?
30Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr#Hos 6:10:
31Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige#Esec 13:6; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh‐san; agus is ait lem shluagh‐sa e a bhith mar sin#Mic 2:11; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise#Deut 32:29; Tuir 1:9?

Currently Selected:

Ieremiah 5: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in