Ieremiah 4
4
1 Bhrosnaich Dia clann Israeil gu aithreachas le a gheallaidhean, 3 agus Iùdah, le bhith a’ bagairt bhreitheanas uamhasach a thoirt orra. 19 Chaoidh am fàidh gu mòr lèir‐sgrios an fhearainn.
1Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh‐sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair‐sa, an sin cha gluaisear thu:
2Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna#Deut 10:20; Isa 48:1, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan#Gen 22:18; Salm 72:17, agus annsan nì iad uaill#Isa 45:25; 1 Cor 1:31.
3Uime sin, mar seo deir an Tighearna ri fir Iùdah, agus ri Ierusalem, Brisibh suas ur fearann‐treabhaidh#Hos 10:12, agus na cuiribh am measg droighinn#Mat 13:7, 22.
4Bithibh air ur timcheall‐ghearradh don Tighearna#Deut 10:16; Ròm 2:28, 29, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich‐sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
5Cuiribh‐se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte.
6Cuiribh suaicheantas suas ann an Sion, rachaibh air ur n‑ais, na seasaibh; oir tha mise a’ tabhairt uilc on àird a tuath, eadhon lèirsgrios mòr.
7Thàinig an leòmhann#Daniel 7:4 a‑nìos o a dhoire#2 Rìgh 24:1; 25:1, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.
8Air an adhbhar sin crioslaichibh sibh fhèin le sac‐èideadh#Isa 22:12, dèanaibh caoidh agus gul; oir chan eil fraoch‐feirge an Tighearna air a tilleadh air falbh uainn.
9Agus tàrlaidh anns an là sin, deir an Tighearna, gum bàsaich cridhe an rìgh, agus cridhe nan àrd‐uaislean; agus bidh amhluadh air na sagartan, agus uamhas air na fàidhean.
10An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh seo agus Ierusalem, ag ràdh, Bidh sìth agaibh#Isa 37:35, nuair a tha an claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t‑anam#Tuir 2:21.
11Anns an àm sin theirear ris an t‑sluagh seo agus ri Ierusalem, Gaoth loisgeach ann an ionadan sgaoilte an fhàsaich, leth ri nighinn mo shluaigh‐sa; chan ann gu fasgnadh no gu glanadh;
12Thig treun‐ghaoth o na h‑àitean sin am ionnsaigh‐sa: a‑nis fòs labhraidh mi fhèin breitheanas nan aghaidh.
13Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt‐ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte!
14Glan do chridhe o aingidheachd#Seum 4:8, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?
15Oir tha guth ag èigheach o Dhan, agus a’ cur àmhghair an cèill o shliabh Ephraim.
16Glaodhaibh‐se ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an cèill an aghaidh Ierusaleim gu bheil luchd‐freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gun tog iad suas an guth an aghaidh bailtean Iùdah.
17Mar luchd‐coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh‐sa#Neh 9:26, 30; Tuir 1:8; Daniel 9:7, etc., deir an Tighearna.
18Choisinn do shlighe agus do dhèanadas na nithean seo dhut#Ier 2:17, 19; Isa 50:1; is i seo d’aingidheachd; a chionn gu bheil i searbh, oir tha i a’ ruigheachd gud chridhe.
19Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha.
20Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm#Salm 42:7; Esec 7:26: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota.
21Cia fhad a chì mi a’ bhratach, a chluinneas mi fuaim na trompaid?
22Gu cinnteach tha mo shluagh‐sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc#Mic 2:1; Ròm 16:19, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.
23Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh#Isa 24:19; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas.
24Chunnaic mi na slèibhtean, agus, feuch, chriothnaich iad#Isa 5:25; Esec 38:20; Hab 3:6; agus bha na cnuic uile air an luasgadh gu mòr.
25Dh’amhairc mi, agus, feuch, cha robh aon duine ann; agus uile eòin na h‑ealtainn, theich iad#Seph 1:3.
26Dh’amhairc mi, agus, feuch, bha a’ mhachair thorrach na fàsach, agus a h‑uile bhailtean air an tilgeadh sìos, ro làthair an Tighearna, ro dhian‐theas a fheirge#Salm 76:7.
27Oir mar seo deir Iehòbhah, Bidh am fearann gu h‑iomlan air a fhàsachadh, ach cha dèan mi làn‐chrìoch.
28Airson seo nì an talamh bròn#Hos 4:3, agus dorchaichear na nèamhan shuas; a chionn gun do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha tèid mi air m’ais uaithe.
29Ro iolach nam marcach agus nam fear‐bogha, tha gach cathair a’ teicheadh; chaidh iad a‑steach do thiugh‐choilltean, agus shreap iad suas air na creagan: tha na h‑uile bhailtean air an trèigsinn, agus chan eil aon duine gan àiteachadh.
30Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir#Esec 23:40, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir.
31Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas#Isa 1:15; Tuir 1:17, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd‐mortaidh!
Currently Selected:
Ieremiah 4: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017