Ieremiah 3
3
1 Mòr‐thròcair an Tighearna do Iùdah. 6 Tha Israel nas neochiontaiche na Iùdah. 12 Ghairm Dia iad gu aithreachas. 20 Dh’aidich an sluagh am peacaidhean.
1Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs#Deut 24:4? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan#Esec 16:26‐29; gidheadh till riumsa a‑rìs#Sech 1:3, deir an Tighearna.
2Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean#Gnà 23:28, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch‐bheairt.
3Agus chumadh na frasan air an ais#Ier 9:12; 14:4; Lebh 26:19; Deut 28:23, 24, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich#Esec 3:7, chuir thu cùl ri nàire.
4Nach gairm thu ormsa on uair seo, ag ràdh, M’athair, bu tusa fear‐stiùraidh m’òige#Gnà 2:17?
5An gleidhear fearg gu bràth#Salm 77:7‐9? An cumar corraich gu sìorraidh air chuimhne? Feuch, labhair, agus rinn thu aingidheachd; agus chaidh e leat.
6Thubhairt an Tighearna rium fòs ann an làithean Iosiah an rìgh. Am faca tu ciod a rinn Israel chùl‐sleamhnach? Chaidh i suas air gach sliabh àrd#1 Rìgh 14:23, agus fo gach crann gorm, agus an sin rinn i strìopachas.
7Agus thubhairt mise#2 Rìgh 17:10, 13, an dèidh dhi seo uile a dhèanamh, Till am ionnsaigh‐sa: ach cha do thill i. Agus chunnaic a piuthar fhealltach Iùdah seo#Esec 23:2, etc..
8Agus chunnaic mise nuair, airson gach uile adhaltranais anns an robh Israel chùl‐sleamhnach ciontach, a chuir mi air falbh i, agus a thug mi litir‐dhealachaidh dhi, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iùdah eagal, ach gun d’imich i, agus gun do rinn i fhèin strìopachas mar an ceudna.
9Agus thàrladh, le ro‑mheud a tograidh gu neòghlaine, gun do thruaill i am fearann, agus gun do rinn i adhaltranas le clachan agus le croinn#Ier 2:27.
10Agus fòs an dèidh seo uile cha do thill a piuthar fhealltach Iùdah riumsa le a h‑uile chridhe, ach gu cealgach, deir an Tighearna.
11Uime sin thubhairt Iehòbhah rium; Is mò a dh’fhìreanaich Israel chùl‐sleamhnach i fhèin na Iùdah chealgach.
12Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl‐sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach#2 Each 30:9; Salm 86:15, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.
13A‑mhàin aidich do chionta#Deut 30:1‐6, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth‐sa, deir an Tighearna.
14Tillibh, O chlann chùl‐sleamhnach, deir an Tighearna, oir tha mi pòsda ribh#Isa 54:5: agus gabhaidh mi sibh, aon à baile, agus dithis à teaghlach, agus bheir mi sibh gu Sion:
15Agus bheir mi dhuibh aodhairean a rèir mo chridhe fhèin#Eph 4:11, agus beathaichidh iad sibh le eòlas agus le tuigse#Eòin 21:15‐17; Gnìo 20:28; 1 Pead 5:2.
16Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh an lìonmhorachd agus am meud anns an fhearann, anns na làithean sin, deir an Tighearna, chan abair iad nas mò, Airc coicheangail an Tighearna, cha mhò a thig i nan aire#Isa 65:17, cha mhò a chuimhnicheas iad i, cha mhò a bheir iad sùil na dèidh, cha mhò a nìthear sin tuilleadh.
17Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh‐chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas#3:17 danarrachd. an droch chridhe fhèin#Ròm 6:14.
18Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil#Isa 11:13; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.
19Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair#Ròm 8:15; agus cha till thu air d’ais om leantainn.
20Gu deimhinn, mar a chlaonas bean neo‐dhìleas o a fear‐pòsda, mar sin bhuin sibhse gu neo‐dhìleas riumsa#Isa 48:8, O thaigh Israeil, deir an Tighearna.
21Chualas guth air na h‑ionadan àrda, caoidh#2 Cor 7:10 agus athchuinge chloinn Israeil; a chionn gun do chlaon iad an slighe#Gnà 19:3; dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia.
22Tillibh, o chlann chùl‐sleamhnach#Hos 6:1; lèighsidh mise ur cùl‐sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia#Hos 13:4.
23Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia‑ne tha slàinte Israeil#Salm 121:1, 2; Isa 63:10.
24Ach dh’ith an nì nàireach sin suas saothair ar n‑athraichean o ar n‑òige; an caoraich, agus am buar, am mic, agus an nigheanan.
25Laighidh sinn sìos nar nàire#Esra 9:6, 7; Ròm 6:21, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia.
Currently Selected:
Ieremiah 3: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017