Ieremiah 2
2
1 Chuimhnich Dia as leth nan Iùdhach an coibhneas a nochd e dhaibh nan òige, agus thagair e riu mu thimcheall an aingidheachd. 18 Chronaich e iad airson an iodhalan. 35 Tha dòchas an t‑sluaigh nan neochiontas fhèin dìomhain.
1Thàinig facal an Tighearna mar an ceudna am ionnsaigh, ag ràdh,
2Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas#2:2 coibhneas d’òige. a nochd mi dhut ann ad òige#Hos 2:15, gràdh do cheangail‐phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach#Deut 2:7, ann am fearann nach do threabhadh.
3Is naomhachd don Tighearna Israel#Ecs 19:5, 6; 1 Pead 2:9, ciad‐thoradh a chinneis#Ecs 4:22, 23; Seum 1:18: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach#Ier 12:14; Sech 2:8, 9; thig aimhleas orra, deir an Tighearna.
4Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil:
5Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa#Isa 5:4, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais#2 Rìgh 17:15, agus gun d’fhàs iad dìomhain?
6Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna#Salm 77:5, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit#Isa 63:11‐13; Hos 13:4, a stiùir sinn tron fhàsach#Deut 32:10, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?
7Thug mi sibh mar an ceudna gu dùthaich thorraich, a dh’ithe a toraidh, agus a maitheis; ach nuair a thàinig sibh a‑steach, thruaill sibh m’fhearann#Salm 106:38, agus m’oighreachd rinn sibh na gràinealachd.
8Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd#Mal 2:6, 7, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal#Ier 5:31, agus lean iad nithean nach toir buannachd.
9Uime sin tagraidh mise ribh fhathast#Esec 20:35, deir an Tighearna, agus ri cloinn ur cloinne tagraidh mi.
10Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim#Isa 23:1, 12, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar#Salm 120:5, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo.
11An do chaochail cinneach an diathan#Mic 4:5, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh‐sa an glòir#Salm 106:20; Ròm 1:23 airson nì gun bhuannachd.
12Biodh ioghnadh oirbh, O nèamhan#Isa 1:2, mun nì seo, agus biodh uamhas oirbh: bithibh air ur trom‐bhualadh le uamhann, deir an Tighearna:
13Oir chuir mo shluagh‐sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise#Salm 81:11, tobar nan uisgeachan beò#Salm 36:9; Eòin 4:14; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.
14An tràill Israel#Ecs 4:22? Mas ann de chloinn an teaghlaich e, cuime an do rinneadh e na chobhartaich?
15Beucaidh na leòmhainn òga na aghaidh#Salm 57:4; thog iad an guth, rinn iad a fhearann na fhàsach; tha a bhailtean air an losgadh, gun aon gan àiteachadh.
16Nì clann Noiph agus Tahpaneis#Ier 43:7 mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh#Isa 1:6, 7.
17Nach do choisinn thu seo dhut fhèin#Hos 13:9, a chionn gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, nuair a bha e gad stiùradh anns an t‑slighe?
18Agus a‑nis ciod do ghnothach ri slighe na h‑Eiphit#Isa 30:1, 2, a dh’òl uisgeachan Shihoir#Ios 13:3? No ciod do ghnothach ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h‑aibhne?
19Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu#Isa 5:5; Gnà 5:22, agus nì do chùl‐sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal‐sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.
20Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas‐umhail#Ecs 19:8; 1 Sam 12:10. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas#Isa 1:21; Deut 12:2.
21Gidheadh shuidhich mise thu ad fhìonain uasail#Salm 80:8; Isa 5:1‐4, gu h‑iomlan ad shìol ceart: ach cionnas a chaochail thu orm, a’ gheug chrìonaich na fìonain choimhich#Deut 32:32?
22Oir ged nigh thu thu fhèin le natar, agus ged ghabh thu mòran siabainn, tha d’aingidheachd air a comharrachadh ann am làthair‐sa#Salm 90:8, deir an Tighearna Iehòbhah.
23Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach#Gnà 30:12, 20, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe;
24Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad#Esec 16:34; an ceann a mìosa gheibh iad i.
25Cùm do chas o bhith rùisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thubhairt thusa, Chan eil leigheas air a’ chùis a‑nis#Ier 18:12; Ròm 8:24; cha chùm; oir ghràdhaich mi coigrich, agus nan dèidh thèid mi.
26Mar bhios nàire air mèairleach nuair a ghlacar e, mar sin chuireadh gu nàire taigh Israeil; iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, agus an sagartan, agus am fàidhean:
27A tha ag ràdh ri mìr fiodha#Isa 44:19, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad#Salm 78:34; Hos 5:15, Eirich, agus teasairg sinn.
28Ach càit a bheil do dhiathan a rinn thu dhut fhèin? Eireadh iadsan, mas urrainn iad do thèarnadh ann an àm do chruaidh‐chàis: oir a rèir àireamh do bhailtean bha do dhiathan, O Iùdah.
29Carson a thagras sibh riumsa? Chiontaich sibh uile am aghaidh, deir an Tighearna.
30Gu dìomhain bhuail mi ur clann#Isa 9:13: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean#2 Each 36:16; Marc 12:2‐8, amhail leòmhann millteach.
31O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin#Salm 12:4; cha tig sinn nas mò thugadsa?
32Am faod òg‑bhean a h‑usgraichean a dhearmad? No bean‐bainnse a culaidh? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean gun àireamh#Hos 8:14.
33Cuime an seòl thu do shlighe a dh’iarraidh gaoil? Air an adhbhar sin fòs seòlaidh mise dòrainnean air do shlighean‐sa.
34Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda#Salm 106:38: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh‐sgaoileadh.
35Gidheadh tha thu ag ràdh, A chionn gu bheil mi neochiontach#Ròm 7:9; 1 Eòin 1:8, 10, gu cinnteach tillidh a chorraich uam. Feuch tionnsgnaidh mise ann am breitheanas riut, a chionn gu bheil thu ag ràdh, Cha do pheacaich mi.
36Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit#Hos 12:1, amhail a bha nàire ort de Asiria#2 Each 28:20.
37Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann#2 Sam 13:19: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu#Isa 28:15‐17.
Currently Selected:
Ieremiah 2: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017