Ieremiah 1
1
1 An t‑àm anns an d’rinn Ieremiah fàistneachd; 4 Naomhaich Dia e on bhroinn. 11 Nochdadh dha gu rachadh Ierusalem a sgrios. 17 Neartaich Dia e fa chomhair a dhreuchd.
1Briathran Ieremiah#2 Each 36:21 mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot#1 Each 6:60 ann am fearann Bheniàmin:
2A dh’ionnsaigh an tàinig facal an Tighearna ann an làithean Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, anns an treas‐bliadhna‑deug de a rìoghachadh#Ier 25:3.
3Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon‐bhliadhna‑deug Shedeciah mhic Iosiah#Ier 39:2, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos#2 Rìgh 25:8.
4Thàinig an sin facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh,
5Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn#Isa 49:1, 5; Gal 1:15, 16, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.
6An sin thubhairt mise#Ecs 4:10, etc., Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.
7Agus thubhairt an Tighearna rium, Na abair, Is leanabh mi: ach a‑chum nan uile gus an cuir mise thu, thèid thu; agus ciod sam bith a dh’àithneas mi dhut, labhraidh tu#Mat 28:20; Gnìo 20:27.
8Na biodh eagal ort ron gnùis#Esec 2:6; 3:9; oir tha mise maille riut a‑chum do thèarnadh#Eabh 13:6, deir an Tighearna.
9Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul#Isa 6:7; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.
10Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as#Ier 18:7; 2 Cor 10:4, 5, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.
11Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.
12Agus thubhairt an Tighearna rium, Is ceart a chunnaic thu: oir deifrichidh mise m’fhacal a‑chum a choileanadh.
13Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn coire air ghoil#Esec 11:3, 7; 24:3, etc.; agus air a thionndadh on àird a tuath.
14Agus thubhairt an Tighearna rium, On àird a tuath brisidh an t‑olc a‑mach air uile luchd‐àiteachaidh na tìre#Ier 4:6; 6:1, 22.
15Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh‐chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah.
16Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise#Ier 17:13; Deut 28:20, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin.
17Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh#Iob 38:3, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa#Esec 2:6, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.
18Oir feuch, rinn mise thu an‑diugh ad chathair dhaingnichte#Ier 15:20, agus ad phost iarainn, agus ad bhalla umha, an aghaidh na tìre seo uile; an aghaidh rìghrean Iùdah, an aghaidh a mòr‐uaislean, an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluagh na tìre:
19Agus cathaichidh iad ann ad aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut#Ios 1:9, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh.
Currently Selected:
Ieremiah 1: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017