Ieremiah 11
11
1 Ghairm am fàidh briathran a’ choicheangail, agus thug e achmhasan do na h‑Iùdhaich a bha eas‐ùmhal do fhacal an Tighearna. 11 Labhair e olc mun timcheall airson an iodhal‐adhraidh. 18 agus mu thimcheall luchd‐àiteachaidh Anatoit.
1Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,
2Cluinn briathran a’ choicheangail seo, agus labhair iad ri fir Iùdah, agus ri luchd‐àiteachaidh Ierusaleim;
3Agus abair riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Mallaichte gu robh an duine nach bi umhail do bhriathran a’ choicheangail seo#Deut 27:26; Gal 3:10,
4A dh’àithn mise dur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, as an fhùirneis iarainn#Deut 4:20, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus dèanaibh na nithean sin uile, a rèir mar a tha mise ag àithneadh dhuibh: mar sin bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse;
5A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean#Deut 7:12, 13; Salm 105:8‐11 gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh#11:5 Amen., O Thighearna.
6Agus thubhairt an Tighearna riu, Glaodh na briathran seo gu lèir, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, ag ràdh, Cluinnibh‐se briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad#Ròm 2:13; Seum 1:22.
7Oir dh’earalaich mise gu dùrachdach dur n‑athraichean, air an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an là‑an‑diugh, ag èirigh gu moch#Ier 7:13, etc. agus ag earalachadh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth.
8Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd#11:8 danarrachd. a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad.
9Mar an ceudna thubhairt an Tighearna rium, Fhuaireadh co‑fheall am measg fir Iùdah, agus am measg luchd‐àiteachaidh Ierusaleim.
10Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean#Esec 20:27‐30, a dhiùlt mo bhriathran‐sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean.
11Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu.
12An sin thèid bailtean Iùdah, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad ris na diathan don do loisg iad tùis#Deut 32:37; ach cha dèan iad sin air aon chor an tèarnadh ri àm an airce.
13Oir a rèir àireamh do bhailtean, bha do dhiathan#Ier 2:28, O Iùdah; agus a rèir àireamh sràidean Ierusaleim chuir sibh suas altairean don nì nàireach sin, altairean a losgadh tùise do Bhàal.
14Air an adhbhar sin na dèan thusa ùrnaigh airson an t‑sluaigh seo#Ier 7:16; Ecs 32:10, nì mo a thogas thu suas glaodh na athchuinge as an leth: oir chan èisd mise anns an àm anns an glaodh iad rium, ann an airce.
15Ciod a tha aig mo ghràdh ri dhèanamh ann am thaigh‐sa#Mat 22:11? Chuir i an gnìomh mòr‐ghràinealachdan; agus tha an fheòil naomh air teicheadh uat#Hag 2:12‐14. Nuair a tha thu aingidh an sin tha thu aoibhneach#Gnà 2:14.
16Gorm‐chrann ola#Ròm 11:17, maiseach agus deagh‐thorach, thug an Tighearna mar ainm ort: le fuaim toirme mòire dh’fhadaidh e teine na mhullach, agus tha a gheugan air am briseadh.
17Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu#Ier 2:21, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal.
18Thug an Tighearna, mar an ceudna, fios dhòmhsa#Amos 3:7, agus thuig mi; an sin dh’fheuch thu dhomh an innleachdan#Esec 8:6, etc..
19Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh#Ier 18:18, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh#Lùc 20:10‐15, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh.
20Ach, O Thighearna nan sluagh, a bheir breith gu cothromach, a dhearbhas na h‑àirnean agus an cridhe#1 Each 28:9; Tais 2:23, faiceam do dhìoghaltas orra; oir dhutsa dh’fhoillsich mi mo chùis#Salm 57:1.
21Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh muinntir Anatoit, a tha ag iarraidh d’anama, ag ràdh, Na dèan fàistneachd ann an ainm Iehòbhah#Isa 30:10; Amos 2:12; 7:13, 16; Mic 2:6, mum faigh thu bàs le ar làimh‐ne:
22Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta.
23Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh#Lùc 19:44.
Currently Selected:
Ieremiah 11: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017