YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 58

58
1 Chuir am fàidh an cèill an dealachadh a tha eadar trasg mhealltach agus trasg dhiadhaidh. 8 Beannaichidh an Tighearna esan a thraisgeas gu ceart, 13 agus a choimheadas là na sàbaid.
1Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall‐truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh‐sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.
2Gidheadh o là gu là tha iad gam iarraidh‐sa#Deut 5:28, 29, agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighean; mar chinneach a tha a’ cur an gnìomh fìreantachd, agus nach do thrèig reachd an Dè; tha iad a’ fiosrachadh dhìomsa mu thimcheall reachdan na fìreantachd, agus is miann leo a bhith a’ teachd dlùth do Dhia.
3Carson a thraisg sinn, their iad#Mal 3:14, agus nach eil thusa a’ faicinn? Carson a chràidh sinn ar n‑anam#Lebh 16:29, agus nach eil thusa a’ toirt fa‑near? Feuch, ann an là ur traisg tha sibh a’ mealtainn ur sòlais, agus ur n‑uile dhlighe saothrach tha sibh ag agairt.
4Feuch, tha sibh a’ trasgadh a‑chum connsachaidh agus aimhreit, agus a‑chum bualadh le dòrn na h‑eucorach#1 Rìgh 21:12; cha bhi sibh ri trasg mar air an là‑an‑diugh, a thoirt air ur guth gun cluinnear e gu h‑àrd.
5An e a leithid seo de thrasgadh a roghnaich mise#Sech 7:5, gun cuireadh duine anam fo leòn car là? An e gun cromadh e a cheann mar luachair, agus gun sgaoileadh e sac‐aodach agus luaithre fodha#Daniel 9:3? An abair thu trasg ri seo, agus là taitneach don Tighearna?
6Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh#Ion 3:5‐10, na h‑uallaichean troma a lasachadh#Neh 5:10‐12, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh#Ier 34:8, etc.; agus gach uile chuing a bhriseadh?
7Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoigheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?
8An sin brisidh do sholas a‐mach mar a’ mhadainn#Iob 11:17, agus fàsaidh do shlàinte gu grad; agus thèid d’fhìreantachd air thoiseach ort; bidh glòir an Tighearna gad chuartachadh#Isa 52:12; Ecs 14:19 on taobh chùil.
9An sin gairmidh tu, agus freagraidh an Tighearna#Isa 65:24; Ier 29:12, 13; glaodhaidh tu, agus their e, Tha mise an seo. Ma chuireas tu air falbh as do mheadhon a’ chuing, tomhadh a’ mheòir, agus labhairt toibheim;
10Agus ma thiomaicheas d’anam ris an acrach, agus gun sàsaich thu an t‑anam leònte; an sin èiridh do sholas ann an doilleireachd agus bidh do dhorchadas mar mheadhon‐là.
11Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta#Salm 37:19; Ier 17:8, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor‐uisge, air nach tig fàiling uisge.
12Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear‐càraidh a’ bheuma, Fear‐aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.
13Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh‐sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil‐inntinn#Salm 84:2, 10; 122:1; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;
14An sin gabhaidh tu tlachd anns an Tighearna#Iob 22:26; agus bheir mise ort marcachd air ionadan àrda na talmhainn#Deut 32:13; agus beathaichidh mi thu le oighreachd Iàcoib d’athair; oir labhair beul an Tighearna e.

Currently Selected:

Isaiah 58: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in