YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 4

4
1 Teanntachd bhan Iùdah. 2 Sonas agus maise rìoghachd Chrìosd.
1Agus nì seachd mnathan greim air aon fhear anns an là sin, ag ràdh, Ar n‑aran fhèin ithidh sinn, agus ar n‑aodach fhèin caithidh sinn; a‑mhàin bitheamaid air ar n‑ainmeachadh ortsa, a thoirt air falbh ar mì‑chliù.
2Anns an là sin bidh meangan#Ier 23:5, 6; Sech 6:12, 13 an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn#Salm 85:11, 12; Sech 9:17 òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel#Isa 10:20‐22; Ioel 2:32.
3Agus tàrlaidh, an neach a dh’fhàgar ann an Sion, agus a dh’fhanas ann an Ierusalem, goirear esan naomh#Isa 60:21; Eabh 12:14, eadhon gach aon a tha sgrìobhte am measg nam beò ann an Ierusalem#Daniel 12:1,
4Nuair a nigheas an Tighearna#Sech 13:1 air falbh salchar nighean Shioin, agus a ghlanas e fuil Ierusaleim as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh#Sech 13:9; Mal 3:2, 3.
5Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite‐tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là#Ecs 13:21, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche#Sech 2:5; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.
6Agus bidh e na bhùth, airson sgàile on teas anns an là, agus airson dìdein, agus airson ionaid‐fasgaidh#Isa 25:4 on doininn agus on uisge.

Currently Selected:

Isaiah 4: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in