YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 48

48
1 Dh’fhoillsich Dia e fhèin ann am fàistneachd, a‑chum gu faiceadh an sluagh nach b’iad an iodhalan a dh’òrdaich aon nì a thàinig gu crìch. 9 Teasairgidh e a phoball Israel air sgàth ainme fhèin. 12 Chomhairlich e dhaibh a bhith ùmhal da thoil. 20 Saoraidh e iad o gach teanntachd.
1Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah#Salm 68:26; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas#Deut 5:28, 29; Ier 5:2; Eòin 4:24.
2Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh#Isa 52:1, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil#Mic 3:11; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.
3Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch.
4A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn#Deut 31:27, agus d’aodann na umha;
5Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.
6Chuala tu seo, faic e air a choileanadh; agus nach cuir sibhse an cèill e? Innsidh mi dhut nithean nuadha on àm seo, a ghleidheadh diamhair#1 Cor 2:9, 10, agus air nach robh fhios agad.
7Tha iad air an tabhairt gu crìch a‑nis, agus cha b’ann o shean; agus ron là seo cha chuala tu iad; a‑chum nach abradh tu, Feuch, bha fhios agam orra.
8Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam#Salm 139:1‐4 gum buineadh tu gu ro‑chealgach#Ier 5:11; Hos 5:7; 6:7, agus gum b’e Fear‐easaontais a b’ainm dhut on bhroinn#Salm 51:5.
9Air sgàth m’ainme#Salm 79:9; 106:8; Esec 20:9, etc. cuiridh mi dàil ann am chorraich, agus airson mo chliù cumaidh mi air a h‑ais i uatsa, air chor is nach geàrr mi as thu.
10Feuch, ghlan mi thu#Salm 66:10, ach cha b’ann le airgead; thagh mi thu ann an àmhainn an àmhghair#Sech 13:9; 1 Pead 4:12.
11Air mo sgàth, air mo sgàth fhèin, nì mi e; oir cionnas a bhiodh m’ainm air a mhaslachadh#Deut 32:26, 27? Agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile#Isa 42:8.
12Eisd rium, O Iàcoib, agus Israeil, a ghairm mi, Is mi Esan, is mi an ciad neach#Tais 22:13; is mi fòs an neach deireannach.
13Is i mo làmh a leag stèidh na talmhainn#Salm 102:25, agus rèis mo dheaslàimhe a thomhais na nèamhan; bheir mi gairm dhaibh#Isa 40:26, seasaidh iad suas le chèile.
14Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon#Isa 44:28, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich.
15Mise, mise fhèin labhair; seadh, ghairm mi e, threòraich mi e#Esra 1:2, agus soirbhichidh a shlighe.
16Dlùthaichibh rium, agus cluinnibh seo; on toiseach cha do labhair mi ann an uaigneas; on àm anns an do thachair e, bha mise an sin; agus a‑nis chuir an Tighearna Iehòbhah, agus a Spiorad#Isa 61:1; Sech 2:8‐11; Lùc 4:18‐21, a‑mach mise.
17Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut#Mic 4:2 ciod a thig gud bhuannachd#48:17 gad theagasg gu do bhuannachd.; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu#Deut 8:17, 18.
18O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan‐sa#Salm 81:13‐16! An sin bhiodh do shìth mar abhainn#Salm 119:165, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:
19Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh‐chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.
20Rachaibh a‑mach o Bhàbilon#Ier 51:6, 45; teichibh o thìr nan Caldèanach; le guth gàirdeachais innsibh, cuiribh seo an cèill; sgaoilibh an sgeul gu iomall na talmhainn; abraibh, Shaor an Tighearna a òglach fhèin, Iàcob#2 Sam 7:23; Tais 5:9.
21Agus cha robh tart orra anns na fàsaichean tron tug thu orra siubhal; thug e air uisge sruthadh dhaibh as a’ charraig#Ecs 17:6; Àir 20:11; seadh, sgoilt e a’ chreag, agus bhrùchd an t‑uisge a mach.
22Chan eil sìth#Isa 57:21, deir an Tighearna, don aingidh.

Currently Selected:

Isaiah 48: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in