YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 47

47
1 Bhagair Dia Bàbilon le breitheanais uamhasach. 12 Cha teasairg lìonmhoireachd a druidheachdan, agus a geasadaireachd i.
1Thig a‑nuas#Salm 18:27; Ier 48:18 agus dèan suidhe anns an duslach, òigh‐nighean Bhàbiloin; suidh air an làr, chan eil rìgh‐chathair ann, a nighean nan Caldèanach; oir cha ghoir iad maoth agus mùirneach dhìot nas mò.
2Gabh na clachan‐muilinn agus bleith min; leig ris do chiabhan, rùisg do throigh, leig ris do chas, imich tro na h‑aibhnichean.
3Leigear ris do lomnochdaidh#Ier 13:22, 26; Nah 3:5, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine.
4Ar fear‐saoraidh#Ier 50:34, is e Tighearna nan sluagh as ainm dha, Tì naomh Israeil.
5Suidh ad thosd, rach a‑steach ann an dorchadas, O nighean nan Caldèanach; oir chan abrar riut nas mò baintighearna nan rìoghachdan.
6Bha corraich orm rim shluagh#2 Each 28:9; Sech 1:15; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh#Obad 1:10‐16; air an aosda leag thu do chuing gu trom.
7Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna#Tais 18:7 gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach.
8Uime sin cluinn seo a‑nis, a bhean shòghmhor, a tha ad shuidhe gun umhail#Seph 2:15; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi; cha suidh mi am bhantraich, chan aithnich mi call cloinne.
9Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.
10Oir dh’earb thu à d’aingidheachd#Ecl 8:8; thubhairt thu, Chan eil neach gam fhaicinn#Salm 94:7; chuir eadhon do ghliocas agus d’eòlas air seachran thu; air chor is gun dubhairt thu ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi.
11Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh.
12Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.
13Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean#Esec 24:12. Seasadh na speuradairean suas#Daniel 2:2, luchd‐amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.
14Feuch, bidh iad mar asbhuain#Nah 1:10, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris.
15Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach#47:15 gu àite. fhèin#Isa 56:11; cha bhi d’fhear‐tèarnaidh ann.

Currently Selected:

Isaiah 47: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in