YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 46

46
1 Cha b’urrainn iodhalan Bhàbiloin iad fhèin a thèarnadh. 3 Tèarnaidh Dia a shluagh gu ruig a’ chrìch. 5 Cha samhlaichear Dia ri iodhalan. 12 Tha slàinte an Tighearna am fagas.
1Tha Bel#Ier 50; 51 a’ cromadh sìos, Nebo#Ier 48:1, etc. a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean#Ier 10:5 agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach.
2Chrùb iad, chrom iad sìos le chèile; cha b’urrainn iad an eallach a thèarnadh; ach chaidh iad fhèin ann am braighdeanas.
3Eisdibh rium, a thaigh Iàcoib, agus uile iarmad taigh Israeil; a ghiùlaineadh leam on bhroinn#Ecs 19:4; Salm 71:6, 18, a dh’iomchaireadh on bholg:
4Eadhon gu ur seann aois#Salm 92:14, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.
5Cò e ris an samhlaich sibh mi#Isa 40:18, agus ris an dèan sibh comhad mi? Agus cò e ris an coimeas sibh mi, a‑chum gum bi sinn cosmhail?
6Taomaidh iad òr as a’ mhàla#Isa 41:7, etc., agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh.
7Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àite, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.
8Cuimhnichibh seo, agus bithibh fearail; thugaibh fa‑near e a‑rìs, a luchd‐brisidh an lagha.
9Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean#Salm 77:5; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann;
10A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle#Salm 33:11, agus gach nì as àill leam nì mi:
11A’ gairm na h‑iolaire on ear, agus fear mo chomhairle o thìr chèin; seadh, labhair mi, agus bheir mi gu crìch e, rùnaich mi, agus coileanaidh mi e.
12Eisdibh rium, sibhse aig a bheil an cridhe rag#Salm 76:5, a tha fad as o fhìreantachd:
13Bheir mise am fagas m’fhìreantachd‐sa#Ròm 1:17, cha bhi i fad as; agus cha dèan mo shlàinte moille#Salm 46:1, 5; Hab 2:3, agus bheir mi slàinte ann an Sion#Salm 14:7, do Israel mo ghlòir.

Currently Selected:

Isaiah 46: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in