YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 45

45
1 Ghairm Dia Cìrus air sgàth Iàcoib agus Israeil. 11 Gheall e saorsa agus slàinte da shluagh. 20 Dìomhanas dhealbhan snaidhte. 22 Slàinte an Tighearna do uile iomallaibh na talmhainn.
1Mar seo deir an Tighearna ra aon ungte, ri Cìrus air a bheil greim agam air a làimh dheis, a cheannsachadh chinneach roimhe, agus fuasglaidh mi leasraidh rìghrean#Daniel 5:6, 30; a dh’fhosgladh nan còmhlach roimhe, agus cha bhi na geatachan air an druideadh;
2Thèid mise romhad, agus nì mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi#Salm 107:16, agus na croinn iarainn brisidh mi nam bloighdean.
3Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm#Isa 48:15, Dia Israeil.
4Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm.
5Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm#Salm 18:32, 39.
6A chum gum bi fhios aca#Isa 37:20; Mal 1:11 o èirigh na grèine agus on iar, nach eil ann ach mi. Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
7Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais#Gen 1:3, 4, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe#Salm 29:11, agus a’ cruthachadh dòlais#Amos 3:6; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.
8Silibh, O nèamhan, on àird#Salm 85:11, agus frasadh na neòil a‑nuas fìreantachd; fosgladh an talamh, agus gineadh iad slàinte, agus fàsadh fìreantachd a‑nìos maraon#Salm 72:3; is mise an Tighearna a chruthaich e.
9Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige‐chreadha ri fear‐deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris‐san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh#Ier 18:6? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?
10Is an‑aoibhinn dhàsan a their ra athair, Ciod a tha thu a’ gintinn? No ra mhàthair, Ciod tha thu a’ breith?
11Mar seo deir an Tighearna, Tì naomh Israeil, agus esan a dhealbh e, Feòraichibh dhìom nithean ri teachd, mu thimcheall mo chloinne#Ier 31:1; Gal 3:26; agus iarraibh orm a‑thaobh obraichean mo làmh#Eòin 16:23.
12Is mise a rinn an talamh#Salm 102:25; Eabh 11:3, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.
13Thog mi esan suas ann am fìreantachd, agus nì mi dìreach a uile shlighean; togaidh e mo chathair#2 Each 36:22; Esra 1:1, etc., agus fuasglaidh e mo bhraighdean; chan ann airson luach, no airson duaise#Isa 52:3, deir Tighearna nan sluagh.
14Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh#Isa 49:23; 60:9‐16; Salm 68:31; 72:10, 11; Sech 8:22, 23, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis#Salm 149:8; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia#1 Cor 14:25; agus chan eil Dia eile ann.
15Gu deimhinn is Dia thusa a tha gad fhalach fhèin#Isa 8:17; Salm 44:24, O Dhè Israeil, an Slànaighear.
16Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh#Salm 97:7, a tha nan luchd‐dèanamh iodhalan.
17Ach saorar Israel anns an Tighearna#Ròm 2:28, 29; 11:36 le saorsa shìorraidh#Ier 31:3; cha nàraichear sibh, cha mhò a mhaslaichear sibh#Salm 25:2, 3, feadh linn na sìorraidheachd#1 Pead 2:6.
18Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
19Cha do labhair mi ann an uaigneas#Deut 29:29; 30:11, etc., ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain#Salm 9:10; 69:32, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.
20Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach#Isa 48:15; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.
21Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart#Ròm 3:26 agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.
22Seallaibh riumsa#Salm 22:27; Eòin 3:14, 15, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.
23Orm fhèin mhionnaich mi#Gen 22:16; Eabh 6:13; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn#Philip 2:10, mionnaichidh gach teanga#Deut 6:13.
24Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd#Ier 23:6; 1 Cor 1:30, 31 agus neart#Sech 10:6, 12; Eph 6:10; da ionnsaigh‐san thig iad#Eòin 12:32; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh.
25Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil#Ròm 5:1; 1 Cor 1:31, agus nì iad uaill.

Currently Selected:

Isaiah 45: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in