YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 44

44
1 Thug Dia comhfhurtachd da eaglais. 9 Dìomhanas luchd‐dèanamh dhealbhan snaidhte. 21 Chomhairlich Dia da shluagh an dòigh a chur na thròcair, 28 agus gheall e gun suidhicheadh e iad a‑rìs nan tìr le làimh Chìruis.
1Ach a‑nis èisd, O Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi.
2Mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, agus a dhealbh thu on bhroinn, agus a chuidicheas thu#Salm 46:5; Eabh 4:16; Na biodh eagal ort, a Iàcoib m’òglach#Ier 30:10, agus a Iesuruin#Deut 32:15, a roghnaich mi;
3Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor#Eòin 7:37‐39, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd#Isa 59:21; Ioel 2:28, 29; Gnìo 2:17; 2:33, agus mo bheannachd air do ghineil.
4Agus fàsaidh iad suas mar anns an fheur#Gnìo 2:41; mar gheugan seilich ri taobh nan sruth‐chlaisean.
5Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise#Ier 50:5; 2 Cor 8:5; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.
6Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear‐saoraidh#Isa 43:14, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach#Tais 1:8, 17, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann#Deut 4:35, 39; 32:29.
7Agus cò, mar mise#Isa 46:9, 10, a ghairmeas, agus a chuireas an cèill e, agus a chuireas an òrdagh dhomh e, on àm anns an do shuidhich mi an sluagh o shean? No a chuireas an cèill dhuinn na nithean a tha a’ teachd, agus a tha ri teachd.
8Na biodh eagal oirbh#Gnà 3:25, 26, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia#44:8 carraig. eile ann; chan aithne dhomh aon.
9Iadsan a nì dealbh snaidhte#Isa 41:24, 29, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh.
10Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith#Hab 2:18; 1 Cor 8:4?
11Feuch, bidh a chompanaich uile air an nàrachadh#Salm 97:7; agus an luchd‐obrach, is daoine iad: cruinnichear iad uile ri chèile, seasadh iad suas; bidh eagal orra, agus bidh iad air an nàrachadh le chèile.
12Gearraidh an gobha mìr iarainn#Isa 40:19, etc., obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann.
13Sìnidh an saor a‑mach a riaghail, comharraichidh e e le dath; cuiridh e cumadh air leis an locair, agus sgèithidh e e leis a’ ghobhal‐roinn; agus dealbhaidh e e a rèir coslas fir, a rèir maise duine, a‑chum fantainn anns an fhàrdaich.
14Gearraidh e sìos craobhan seudair dha fhèin agus gabhaidh e an giuthas agus an darach, a thaghas e dha fhèin am measg craobhan na frìthe; suidhichidh e crann‐uinsinn, agus altraimidh an t‑uisge e.
15An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.
16Cuid dheth loisgidh e as an teine; le cuid eile dheth deasaichidh agus ithidh e feòil; ròstaidh e biadh, agus sàsaichear e; an sin garaidh e e fhèin, agus their e, Ahà, rinn mi mo gharadh; dh’aithnich mi an teine.
17Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.
18Chan eil eòlas aca#Isa 45:20, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean#Isa 6:9, 10 air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad.
19Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe#Hos 7:2, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?
20Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e#Hos 4:12; Ròm 1:21; 2 Tes 2:11, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis?
21Cuimhnich na nithean seo, O Iàcoib; agus Israeil, oir is tu m’òglach; dhealbh mi thu, is òglach dhòmhsa thu; O Israeil, cha leig mise air dìochuimhn thu#Isa 49:14, 15.
22Dhubh mi as, mar neul#Isa 1:18; Salm 103:12, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu#1 Cor 6:20; 1 Pead 1:18; Tais 5:9.
23Seinnibh, O nèamhan#Salm 96:11, 12; Tais 18:20, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean#Esec 36:1, 8; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel#Isa 55:13.
24Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar#Salm 104:2; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;
25A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean#2 Each 18:11, 34; Ier 50:36; 1 Cor 3:19, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;
26A dhaingnicheas facal a sheirbhisich#Sech 1:6; 2 Pead 1:19, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:
27A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean:
28A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu#Esra 1:1, etc.; agus ris an teampall, Leagar do bhunait.

Currently Selected:

Isaiah 44: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in