YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 43

43
1 Thug Dia comhfhurtachd don eaglais le gheallaidhean prìseil: 8 ghairm e an sluagh na làthair a dh’fhaicinn a chumhachd: 14 ro‑innis e sgrios Bhàbiloin, 18 agus tèarainteachd a shluaigh fhèin. 22 Chronaich Dia a phoball a chionn gun do thrèig iad a sheirbhis.
1Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu#Isa 44:22‐24; ghairm mi thu air d’ainm#Isa 45:4; 49:1; is leamsa thu.
2Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan#Salm 66:12 bidh mise maille riut#Deut 31:6, 8; Salm 91:15; Gnìo 27:20‐25; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine#Daniel 3:25, 27, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
3Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear‐saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig#Gnà 21:18; Etiopia agus Sèba air do shon.
4A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh#Deut 7:6‐8, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.
5Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:
6Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin#Isa 18:7, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;
7Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm‐sa#Seum 2:7; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e#Eph 2:10.
8Thugaibh a‑mach iadsan a tha dall#Esec 12:2, agus sùilean aca; agus a tha bodhar, agus cluasan aca.
9Cruinnichear na cinnich uile ri chèile, agus tionailear na slòigh; cò nam measg a dh’fhoillsicheas seo, agus a dh’innseas dhuinn na nithean air thoiseach? Thugadh iad an làthair am fianaisean, a‑chum gum bi iad air am fìreanachadh; no èisdeadh iad, agus aidicheadh iad, Tha sin fìor.
10Is sibhse m’fhianaisean‐sa#Isa 44:8; Gnìo 5:32, deir an Tighearna, eadhon m’òglach#Philip 2:7 a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh.
11Is mise, eadhon mise, an Tighearna#Isa 45:21, 22; Hos 13:4; Gnìo 4:12; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann.
12Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia.
13Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e#Isa 46:10; Daniel 4:35?
14Mar seo deir an Tighearna, ur fear‐saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son‐se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn‐dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan.
15Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh.
16Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge#Ecs 14:16, 22; Salm 77:19, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir;
17A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart.
18Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe#Ier 23:7, 8; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near.
19Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe#Isa 35:6‐10; Deut 8:15, agus aibhnichean anns an dìthreabh.
20Bheir fiadh‐bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan‐oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte.
21An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù#Eph 1:6, 12.
22Gidheadh cha do ghairm thu orm, O Iàcoib; ach ghabh thu seirbhe dhìom, O Israeil#Mal 1:13.
23Cha tug thu am ionnsaigh meanbh‐chrodh do thabhartas‐loisgte; cha mhò a thug thu urram dhomh led ìobairtean; cha do shàraich mi thu le tabhartas, cha mhò a sgìthich mi thu le tùis.
24Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan#Mal 2:17.
25Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as#Ier 50:20; Gnìo 3:19, air mo sgàth fhèin#Esec 36:22, 32; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne#Ier 31:34.
26Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin.
27Pheacaich do chiad athair, agus chiontaich do luchd‐teagaisg am aghaidh:
28Uime sin sgar mi a‑mach uachdarain an ionaid naoimh; agus thug mi thairis Iàcob a‑chum mallachaidh, agus Israel a‑chum maslaidh.

Currently Selected:

Isaiah 43: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in