YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 42

42
1 Dreuchd agus sagartachd Chrìosd. 10 Earail gu Dia a chliùthachadh. 17 Nàraichear iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte. 18 Chronaicheadh clann Israeil airson am mì‑chreidimh.
1Feuch m’òglach#Mat 12:18‐20; Philip 2:7, a chumas mi suas#Isa 49:7, 8; m’aon taghte#Eph 1:4, anns a bheil tlachd aig m’anam#Mat 17:5: chuir mi mo Spiorad air#Isa 11:2; 61:1; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.
2Cha ghlaodh e#Lùc 17:20; Eòin 18:36, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.
3A’ chuilc bhrùite cha bhris e#Isa 61:1‐3; Mat 11:28, agus an lìon dem bheil caol smùid cha mhùch e; foillsichidh e breitheanas a‑chum fìrinn.
4Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh#Gen 49:10.
5Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:
6Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh#Lùc 1:69‐72, mar sholas do na cinnich#Isa 49:6; Lùc 2:32; Gnìo 13:47;
7A dh’fhosgladh nan sùilean dall#Isa 35:5; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan#Lùc 4:18, 21; 2 Tim 2:26, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.
8Is mise Iehòbhah#Salm 83:18, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile#Isa 48:11, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.
9Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach#Gnìo 15:18, foillsichidh mi dhuibh iad.
10Seinnibh don Tighearna òran nuadh#Tais 5:9; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.
11Togadh am fàsach iolach, agus na bailtean a tha ann; na bailtean beaga, luchd‐àiteachaidh Chedair; dèanadh luchd‐àiteachaidh na creige co‑ghàir; o mhullach nan slèibhtean togadh iad iolach.
12Thugadh iad glòir don Tighearna#Salm 117:1, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.
13Mar threun‐fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear‐cogaidh dùisgidh e suas eud#Ecs 15:3: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.
14Dh’fhan mi fada sàmhach, bha mi am thosd, chùm mi orm fhèin; a‑nis èighidh mi mar mhnaoi ri saothair#Iob 32:18‐20; sgriosaidh mi, agus ithidh mi suas maraon.
15Cuiridh mi fàs slèibhtean#Isa 49:11, agus tiormaichidh mi am feur uile; nì mi na h‑aibhnichean nan eileanan, agus tiormaichidh mi na linneachan uisge.
16Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh#Hos 2:6, 14; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach#Isa 40:4: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad#Eabh 13:5.
17Tillear air an ais#Salm 97:7, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan‐ne.
18Cluinnibh#Isa 6:10, sibhse a tha bodhar; agus a dhaoine dall#Eòin 9:39; Tais 3:17, 18, amhaircibh a‑chum gum faic sibh.
19Cò a tha dall ach m’òglach‐sa, no bodhar mar an teachdaire a chuir mi uam? Cò a tha dall mar esan a tha iomlan, no dall mar òglach an Tighearna?
20Tha thu a’ faicinn iomadh nì, ach chan eil thu a’ tabhairt fa‑near; tha do chluasan fosgailte, ach gun a bhith a’ cluinntinn.
21Tha an Tighearna gràsmhor#42:21 no, ro thoilichte air sgàth fhìreantachd. air sgàth a fhìrinn fhèin#Ròm 3:21, 22; 10:3, 4; Philip 3:9; àrdaichidh e an lagh#Mat 5:17, agus cuiridh e urram air.
22Ach is sluagh seo a tha spùinnte#Isa 18:2 agus creachte; tha iad uile air an glacadh ann an slocan, agus air an druideadh a‑steach ann am prìosanan; rinneadh iad nan cobhartach, agus chan eil neach gan tèarnadh; nan creich, agus chan eil neach a their, Thoir air ais.
23Cò nur measg a dh’èisdeas ri seo; a bheir fa‑near, agus a ghabhas suim as an àm ri teachd?
24Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd‐creachaidh? Nach b’e an Tighearna#Bri 2:14; Neh 9:26, 27, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?
25Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha#Deut 32:22, ach cha do thuig e#Hos 7:9; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near#Isa 57:11; Mal 2:2.

Currently Selected:

Isaiah 42: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in