YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 3

3
1 Na h‑uile a bha gu teachd air Iùdah a chionn gun do thrèig iad Dia. 10 Èiridh gu maith don ionracan, 11 ach dìolar don aingidh a rèir gnìomharan a làmh. 16 Peanas nigheanan Shioin airson an uaill.
1Oir feuch, bheir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, air falbh o Ierusalem agus o Iùdah#Isa 36:12; Ier 38:9 an lorg agus am bata#Lebh 26:26, uile lorg an arain, agus uile lorg an uisge,
2An treun‐fhear#2 Rìgh 24:14 agus am fear‐cogaidh, am britheamh agus am fàidh, an duine glic agus an seanair;
3An ceannard air leth‐cheud agus an duine urramach, agus an comhairliche, agus am fear‐ceàirde seòlta, agus an cainnt‐fhear deas‐bhriathrach.
4Agus nì mi leanabain nan uachdarain orra#Ecl 10:16, agus riaghlaidh naoidheanan os an cionn.
5Agus bidh an sluagh air an sàrachadh, gach fear le a chèile, agus gach fear le a choimhearsnach; nì an t‑òganach tàir air an aosda, agus an duine an‑uasal air an duine uasal.
6Nuair a ghlacas fear a bhràthair, de thaigh a athar, air a thrusgan, ag ràdh, Thig, agus bi ad fhear‐riaghlaidh oirnn, agus biodh an t‑aomadh seo fo do làimh‐sa:
7Bheir e briathar#3:7 togaidh e a làmh; is e sin, mionnaichidh e. air an là sin, ag ràdh, Cha bhi mise am fhear‐slànachaidh dhuibh; oir ann am thaigh‐sa chan eil biadh no aodach; na cuiribh mise suas am fhear‐riaghlaidh air an t‑sluagh.
8Oir tha Ierusalem air aomadh sìos#Mic 3:12, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna#Mal 3:13‐15, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.
9Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh#Ier 3:3; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.
10Abraibh ris an ionracan gur math#3:10 is maith; no, is sona dha. a dh’èireas dha#Ecl 8:12, 13; oir toradh an gnìomharan ithidh iad#Salm 128:2.
11Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan#Isa 57:20, 21; oir dìolar dha obair a làmh fhèin#Gnà 1:31.
12A‑thaobh mo shluaigh‐sa, tha clann a’ dèanamh sàrachaidh orra, agus tha mnathan a’ riaghladh os an cionn. O mo shluagh, tha do chinn‐iùil gad chur air seachran, agus a’ fiaradh slighe do cheuman.
13Tha an Tighearna a’ seasamh suas a‑chum tagraidh#Mic 6:2; agus tha e a’ seasamh a thabhairt breith air an t‑sluagh.
14Tionnsgnaidh an Tighearna ann am breitheanas ri seanairean a shluaigh, agus rin uachdarain, oir dh’ith sibh suas am fìonlios#Mat 21:33; tha creach nam bochd nur taighean.
15Ciod as ciall dhuibh, gu bheil sibh a’ pronnadh mo shluaigh#Isa 58:4, agus a’ bleith aodannan nam bochd? deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.
16Os bàrr, thubhairt an Tighearna, A chionn gu bheil nigheanan Shioin uallach, agus ag imeachd le muinealan sìnte a‑mach, agus le sùilean meara, ag imeachd le ceuman iollagach, agus a’ dèanamh fuaime len casan:
17Uime sin nì an Tighearna maol mullach cinn nigheanan Shioin, agus leigidh an Tighearna ris an nàire.
18Anns an là sin bheir an Tighearna air falbh àille nan cas‐fhàinneachan, agus na brèidean, agus na samhlachan‐gealaich,
19Na cluigeanan, agus na làmh‐fhailean, agus na sgàilean,
20Na cuaileanan, agus na glùineanan, agus na foilteanan, agus na soireachan‐boltraich, agus na cluas‐fhàinneachan,
21Na fàinneachan, agus na seudan‐sròine,
22Na trusganan lasach, agus na tonnagan, agus na fallaingean, agus na dealgan,
23Na sgàthanan, agus na lèintean anairt, agus na curraicean, agus na bratan‐sgàile.
24Agus an àite deagh fhàile bidh brèine, agus an àite criosa bidh sracadh, agus an àite fuilt air a dheagh‐chleachdadh bidh maoile#Mic 1:16, agus an àite crios‐uchd bidh ceanglachan sac‐eudaich, agus losgadh an àite maise.
25Tuitidh do dhaoine leis a’ chlaidheamh, agus do threun‐fhir anns a’ chogadh.
26Agus nì a geatachan caoidh#Tuir 1:4 agus bròn; agus suidhidh i gu h‑aonaranach sìos air an làr#Tuir 2:10.

Currently Selected:

Isaiah 3: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in