Isaiah 36
36
1 Ghlac Senacherib rìgh Asiria uile bhailtean daingnichte Iùdah. 2 Chuir e Rab‐saceh a dh’ionnsaidh Ierusaleim a thoirt maslaidh do Heseciah. 13 Briathran Rab‐saceh a labhair e ann an èisdeachd an t‑sluaigh. 22 Dh’innseadh iad do Heseciah.
1Agus thàrladh ann an ceathramh‐bliadhna‑deug rìgh Heseciah#1 Rìgh 18:13, etc.; 2 Each 32:1, etc. gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.
2Agus chuir rìgh Asiria Rab‐saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth‐chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair.
3An sin thàinig a‑mach da ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh.
4Agus thubhairt Rab‐saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo deir an rìgh mòr, rìgh Asiria, Ciod e am bun‐dòchais seo as a bheil thu ag earbsa?
5Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoine iad), Tha comhairle agus neart agam airson a’ chogaidh; a‑nis cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu ceannairc am aghaidh‐sa?
6Feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit; nì, ma leigeas duine a chudthrom air, a thèid a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe i: mar seo tha Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, dhaibhsan uile a dh’earbas as.
7Ach ma their thu rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa; nach e sin esan a chuir Heseciah air falbh a ionadan àrda agus a altairean#2 Rìgh 18:4; agus thubhairt e ri Iùdah agus ri Ierusalem, Fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh?
8A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gèill dom thighearna, rìgh Asiria; agus bheir mise dhut dà mhìle each#Salm 20:7, 8; Hos 14:3, mas urrainn thu, air do thaobh‐sa, marcaichean a chur orra.
9Cionnas, matà, a thilleas tu air ais aon cheann‐feadhna de na seirbhisich as lugha tha aig mo thighearna, agus a dh’earbas tu as an Eiphit#Ier 2:36 airson charbadan agus mharc‐shluaigh?
10Agus a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh na tìre seo, ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt rium, Rach suas an aghaidh na tìre seo#Isa 37:28; Amos 3:6, agus sgrios i.
11An sin thubhairt Eliacim, agus Sebnah agus Iaoh ri Rab‐saceh, Labhair, guidheamaid ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich, ann an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.
12Agus thubhairt Rab‐saceh, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna‑sa, agus ad ionnsaigh‐sa, a chuir mo thighearna mise#Salm 31:18, a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin, maille ribhse?
13An sin sheas Rab‐saceh, agus ghlaodh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus thubhairt e, Cluinnibh briathran an rìgh mhòir, rìgh Asiria:
14Mar seo deir an rìgh, Na mealladh Heseciah sibh, oir cha bhi e comasach air ur tèarnadh:
15Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna#Salm 71:10, 11, ag ràdh, Gu cinnteach tèarnaidh an Tighearna sinn, cha toirear thairis am baile seo ann an làimh rìgh Asiria:
16Na èisdibh ri Heseciah; oir mar seo deir rìgh Asiria, Dèanaibh coicheangal riumsa le tìodhlac, agus thigibh am ionnsaigh; agus itheadh gach fear de a chrann‐fìona#Sech 3:10, agus gach fear de a chrann‐fìge fhèin; agus òladh gach fear uisge a thobair fhèin;
17Gus an tig mise#Gnà 12:10 agus gun toir mi sibh gu tìr cosmhail ri ur tìr fhèin; tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonliosan.
18Thugaibh an aire nach cuir Heseciah impidh oirbh, ag ràdh, Tèarnaidh an Tighearna sinn#Daniel 3:15. An do theasairg diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?
19Càit a bheil diathan Hamait agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim? An do theasairg iad Samaria as mo làimh‐sa#2 Rìgh 18:10?
20Cò am measg uile dhiathan#Isa 37:18, 19; 45:16, 17 nan dùthchannan seo a theasairg an tìr fhèin as mo làimh‐sa, gun teasairgeadh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?
21Ach dh’fhan iad nan tosd, agus cha tug iad facal freagraidh air; oir b’i àithne an rìgh, Na tugaibh freagradh air#Gnà 26:4.
22An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanachaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab‐saceh.
Currently Selected:
Isaiah 36: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017