YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 35

35
1 Glòir agus soirbheachadh rìoghachd Chrìosd. 9 Siùbhlaidh a’ mhuinntir shaorta ann an slighe an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithream agus aoibhneas.
1Nì am fàsach agus an talamh tartmhor gàirdeachas air an son#Esec 36:33; agus bidh an dìthreabh ait#Isa 32:15; 55:12, 13, agus thig e fo bhlàth mar an ròs.
2Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha#Hos 14:5, 6, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna#Isa 40:5; 60:1‐3; Hab 2:14, agus maise ar Dè‑ne.
3Neartaichibh‐se na làmhan laga#Eabh 12:12, agus daingnichibh na glùinean anfhann.
4Abraibh riùsan a tha lag‐chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath‐dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh#Isa 44:2.
5An sin fosglar sùilean nan dall#Mat 11:5, agus bidh cluasan nam bodhar air am fosgladh.
6An sin leumaidh am bacach mar fhiadh#Mat 15:30, 31; Eòin 5:8, 9; Gnìo 3:2‐9, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain; oir anns an fhàsach brisidh uisgeachan a‑mach#Isa 41:18; 43:20; Eòin 7:37‐39, agus sruthan anns an dìthreabh.
7Agus fàsaidh am fearann tioram na linne, agus am fearann tartmhor na thobraichean uisge#Eòin 4:14; 7:38: ann an àite‐còmhnaidh nan dràgon, agus nan leabaidh, bidh feur, leis a’ chuilc agus an luachair.
8Agus bidh rathad mòr an sin, agus slighe; agus goirear slighe na naomhachd dheth; cha siubhail neach neòghlan troimhe#Isa 52:1; Ioel 3:17; Tais 21:27; ach bidh e air an son‐san; cha tèid am fear‐turais no na daoine baoghalta air seachran ann.
9Cha bhi leòmhann an sin#Esec 34:25, cha mhò a thig fiadh‐bheathach millteach suas ann; chan fhaighear an sin e; ach siùbhlaidh a’ mhuinntir shaorte ann:
10Agus tillidh saor‐dhaoine an Tighearna#Isa 51:11, agus thig iad gu Sion le caithreim#Tais 5:9, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn#Iùd 1:24: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh#Tais 7:17; 21:4.

Currently Selected:

Isaiah 35: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in