Isaiah 28
28
1 Bhagradh Ephraim airson a mhisge agus uaill. 5 Bithidh Dia na choron maise do iarmad a shluaigh. 16 Tha Crìosd air a ghealltainn. 23 Gliocas freasdail Dhè air a nochdadh ann an obrach an treabhaiche.
1Is an‑aoibhinn do chrùn uaibhreach misgearan Ephraim#Amos 4:1; 6:1, 6, agus do bhlàth seargach am maise glòrmhoir; dhaibhsan a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, a tha air an leagadh sìos le fìon.
2Feuch, tha aig an Tighearna fear cumhachdach agus làidir, mar stoirm mheallain#Esec 13:11, mar dhoininn mhilltich, mar thuil uisgeachan mòra a’ taomadh thairis, a thilgeadh sìos a‑chum an làir le a làimh.
3Bidh coroin uaibhreach misgearan Ephraim air an saltairt fo chasan.
4Agus bidh blàth seargach am maise glòrmhoir, a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, mar am meas luath ron t‑samhradh#Salm 73:19, 20, a chì an neach a dh’amhairceas air, agus cha luaithe bhios e na làimh na dh’itheas#28:4 shluigeas. e suas e.
5Anns an là sin, bidh Tighearna nan sluagh na chrùn glòire, agus na choron maiseach do iarmad a shluaigh;
6Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata.
7Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon#Hos 4:11, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh#Isa 56:10‐12 a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.
8Oir tha am bùird uile làn de sgeith, agus de shalchar, air chor is nach eil àite sam bith saor.
9Cò don teagaisg e eòlas#Ier 6:10, agus cò don ionnsaich e fòghlam? Dhaibhsan a chuireadh on chìch, agus a sgaradh on bhroilleach.
10Oir tha àithne air àithne, àithne air àithne, rann air roinn#28:10 no, riaghailt air riaghailt., rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud.
11Oir le beul manntach, agus le teangaidh choimhich, labhraidh e ris an t‑sluagh seo#1 Cor 14:21.
12Ris an dubhairt e, Seo an fhois leis an tabhair sibh fois dhàsan a tha sgìth, agus seo an suaimhneas#Ier 6:16; Sech 7:9‐11; gidheadh chan èisdeadh iadsan.
13Ach bidh facal an Tighearna dhaibhsan na àithne air àithne#Hos 6:5; 8:12, àithne air àithne; rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud; a‑chum gun rachadh iad, agus gun tuiteadh iad air an ais#Mat 13:14, agus gum biodh iad air am briseadh, agus air an ribeadh, agus air an glacadh.
14Uime sin cluinnibh facal an Tighearna, a luchd‐fanaid, a luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh seo a tha ann an Ierusalem.
15A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne#Ecl 8:8; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin.
16Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach#Salm 118:22; Mat 21:42; Gnìo 4:11; Ròm 9:33; Eph 2:20, clach dhearbhte, clach‐chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas#Ròm 10:11, cha chuirear gu amhluadh e#28:16 cha dèan e cabhag..
17Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing‐thomhais; agus sguabaidh a’ chlach‐mheallain air falbh an dìdein‐bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite‐falaich.
18Agus brisear ur coicheangal ris a’ bhàs, agus cha seas ur còrdadh ris an uaigh: nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, an sin bidh sibhse air ur saltairt sìos leatha#Mal 4:3.
19On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.
20Oir tha an leabaidh tuilleadh is goirid gu neach ga shìneadh fhèin oirre: agus tha am brat tuilleadh is aimhleathann gu neach ga phasgadh fhèin ann.
21Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim#2 Sam 5:20, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin#Ios 10:10, etc.; 1 Each 14:16; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo‐ghnàthach#Tuir 3:33; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.
22Agus a‑nis, na bithibh ri fanaid, air eagal gun dèanar ur cuibhrichean làidir; oir chuala mi o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, sgrios#Daniel 9:27, eadhon air a shònrachadh air an tìr uile.
23Thugaibh‐se an aire, agus cluinnibh mo ghuth; èisdibh, agus cluinnibh mo bhriathran.
24A bheil an treabhaiche ri àr, rè an là, a‑chum cur a dhèanamh? A bheil e a’ fosgladh agus a’ briseadh fòidean a fhearainn?
25Nuair a nì e a aghaidh còmhnard, nach sgaoil e an sin a’ mheanbh‐pheasair, agus nach sgap e an cumin; agus nach cuir e an cruithneachd anns an àite as fheàrr, agus an t‑eòrna anns an ionad shuidhichte, agus an seagal na chrìch fhèin?
26Oir bidh a Dhia ag ionnsachadh eòlais dha, agus ga theagasg.
27Oir chan eil a’ mheanbh‐pheasair air a bualadh le inneal‐bualaidh: cha mhò a bheirear air roth feuna tionndadh air a’ chumin; ach tha a’ mheanbh‐pheasair air a bhualadh le slait, agus an cumin le luirg.
28Ach tha sìol airson arain air a bhruthadh: do bhrìgh nach bi e ga shìor bhualadh, no ga bhriseadh le roth a fheuna, no ga phronnadh le a eich.
29Tha seo fòs a’ teachd o Thighearna nan sluagh: tha esan iongantach ann an comhairle#Salm 92:5; Ier 32:19; Ròm 11:33, òirdheirc ann an gnìomh.
Currently Selected:
Isaiah 28: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017