YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 23

23
1 Lèir‐sgrios eagalach Thìruis. 15 An ceann deich agus trì fichead bliadhna tillidh Tìrus chum a cosnaidh, agus nì i strìopachas le uile rìoghachdaibh an domhain.
1Trom‐eallach Thìruis#Ier 25:22; 47:4; Esec 26–28; Amos 1:9, 10; Sech 9:2‐4. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim#Isa 23:12; Ier 2:10 dh’fhoillsicheadh dhaibh e.
2Bithibh tosdach, a luchd‐àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan.
3Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd‐a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich.
4Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean.
5Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit#Isa 19:16, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus.
6Rachaibh a‑null gu Tarsis: dèanaibh caoineadh, a luchd‐àiteachaidh nan eilean.
7An i seo ur cathair aoibhinn, aig a bheil a h‑aois o aimsir chèin? Giùlainidh a casan fhèin i fad as gu fantainn air chuairt.
8Cò a ghabh a’ chomhairle seo an aghaidh Thìruis, a thug seachad coroin rìoghail, aig a bheil a ceannaichean nam prionnsachan; agus a luchd‐malairt nan daoine urramach na tìre?
9Is e Tighearna nan sluagh a dh’òrdaich e, a chur smala air uabhar gach uile ghlòire, agus a thabhairt uile uaislean na tìre fo dhìmeas#1 Cor 1:28, 29.
10Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò.
11Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche#23:11 Canàan; no, Phenicia., a‑chum a daingnichean làidir a sgrios.
12Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò#Tais 18:22, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim#Isa 23:1; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.
13Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd‐àiteachaidh an fhàsaich#Salm 72:9; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios.
14Guilibh gu h‑àrd, a longan Tharsis; oir sgriosadh ur neart.
15Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì‐fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich#23:15 èiridh do Thìrus mar do strìopaich..
16Glac do chlàrsach, cuartaich am baile, a strìopach a bha air do dhearmad; dèan ceòl gu binn; seinn iomadh òran, a‑chum gun cuimhnichear a‑rìs thu.
17Agus an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas#Tais 17:2 le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn.
18Agus bidh a malairt agus a buannachd naomh don Tighearna#Sech 14:20, 21; cha taisgear suas e, agus cha ghleidhear gu tèarainte; oir bidh a malairt airson na muinntir a tha a chòmhnaidh am fianais an Tighearna, airson lòin a shàsaicheas, agus airson aodaich a mhaireas.

Currently Selected:

Isaiah 23: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in