Isaiah 22
22
1 Tha am fàidh a’ caoidh lèir‐sgrios nan Iùdhach. 8 Chronaich e iad a chionn gun do chuir iad an dòchas nan innleachdan fhèin. 15 Ro‑innis am fàidh sgrios Shebna. 20 Ardachadh Eliacim.
1Trom‐eallach gleann an taisbeanaidh, Ciod a thàinig ort a‑nis, gun deachaidh tu gu lèir suas gu mullach nan taighean#Deut 22:8?
2Thusa a bha làn faraim, ad chathair fhuaimnich, ad chathair aoibhinn#Isa 32:13: do dhaoine a tha air am marbhadh, cha do mharbhadh leis a’ chlaidheamh iad; cha mhò is anns a’ chath a dh’eug iad.
3Tha do chinn‐fheadhna uile air siubhal le chèile#2 Rìgh 25:5, 11, cheangladh iad leis na fir‐bhogha; na h‑uile a fhuaireadh annad, cheangladh iad le chèile, theich iad fad air falbh.
4Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt#Ier 4:19; 9:1; Tuir 1:2; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir‐chreach nighean mo shluaigh.
5Oir is là cruaidh iomairt e, agus saltairt sìos, agus buairidh, o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an gleann an taisbeanaidh; a’ briseadh sìos bhallachan, agus a’ glaodhaich ris na beanntan.
6Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg‐shaighead#Ier 49:35, le carbad de dhaoine agus le marc‐shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe.
7Agus tàrlaidh gum bi rogha do ghleann air an lìonadh le carbadan agus cuiridh na marcaich iad fhèin an òrdagh fa chomhair a’ gheata.
8Agus thugadh air falbh còmhdach Iùdah, agus sheall thu an là sin ri airm taigh na frìthe#1 Rìgh 7:2; 10:17.
9Agus chunnaic sibh beàrnan baile Dhaibhidh#2 Each 32:2, gu bheil iad lìonmhor; agus chruinnich sibh uisgeachan na linne ìochdaraich.
10Agus ghabh sibh àireamh taighean Ierusaleim, agus bhris sibh sìos na taighean a neartachadh a’ bhalla.
11Agus rinn sibh clais eadar an dà bhalla, airson uisge na seann linne; ach cha d’amhairc sibh airsan a rinn e; agus esan a dhealbh o shean e, cha tug sibh fa‑near.
12Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul#Ioel 1:13, agus gu caoidh, agus gu maoile#Iob 1:20; Mic 1:16, agus gu crioslachadh le aodach‐saic:
13Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs#Isa 56:12.
14Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh nam chluasan, Gu deimhinn cha ghlanar an aingidheachd seo air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.
15Mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Imich, rach a dh’ionnsaigh an stiùbhaird seo, a dh’ionnsaigh Shebna#2 Rìgh 18:37, a tha os cionn an taighe, agus abair ris,
16Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite‐còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?
17Feuch tilgidh an Tighearna a‑mach thu, gad thilgeadh a‑mach gu làidir; agus nì e gu cinnteach do chòmhdach.
18Gu cinnteach cuiridh e car dhìot mun cuairt, agus bheir e urchair air falbh dhut mar spitheig#22:18 no, mar pheileir. gu tìr fharsaing; ann an sin gheibh thu bàs, agus ann an sin bidh do charbadan sgiamhach nan nàire do thaigh do thighearna.
19Agus iomainidh mi ad àite thu, agus od inbhe tilgidh mi sìos thu.
20Agus tàrlaidh anns an là sin gun gairm mise m’òglach Eliacim#2 Rìgh 18:18 mac Hilciah;
21Agus sgeadaichidh mi e led fhallaing‐sa, agus led chrios neartaichidh mi e; agus d’uachdaranachd bheir mi thairis na làimh; agus bidh e na athair do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus do thaigh Iùdah.
22Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn#Isa 9:6; agus fosglaidh e#Iob 12:14; Tais 3:7, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach.
23Agus daingnichidh mi e mar tharraing ann an àite cinnteach#Esra 9:8; agus bidh e mar chathair ghlòrmhoir airson taigh a athar.
24Agus crochaidh iad airsan uile ghlòir taigh a athar, an sliochd agus an gineal, gach soitheach beag, o gach uile ghnè chuach gus gach uile ghnè aghann.
25Anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, bidh an tarrang a bha air a suidheachadh ann an àite daingeann air a h‑atharrachadh; agus gearrar sìos i, agus tuitidh i; agus gearrar an eallach a bha oirre air falbh; oir labhair an Tighearna e.
Currently Selected:
Isaiah 22: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017