YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 21

21
1 Ann an sealladh chunnaic am fàidh sgrios Bhàbiloin. 11 Thug e rabhadh do Edom. 13 Aimsir shuidhichte trioblaid Arabia.
1Trom‐eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan#Sech 9:14 anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich.
2Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear‐creachaidh a’ creachadh#Isa 33:1. Rach suas#Isa 13:17; Ier 49:34, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.
3Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh#Isa 15:5; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair‐chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.
4Chlisg mo chridhe; chuir uamhas fiamh orm; feasgar mo shòlais thionndaidh e gu uamhann dhomh#Daniel 5:5, etc..
5Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna‑feadhna, ungaibh an sgiath.
6Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich, suidhich fear‐faire; an nì a chì e, innseadh e.
7Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, carbad le asail, agus carbad le càmhail; agus thug e fa‑near gu dìcheallach le geur aire;
8Agus ghlaodh e, Leòmhainn#21:8 mar leòmhann.: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad‐faire, air feadh an là#Hab 2:1; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche;
9Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam#Ier 51:8, etc.; Tais 14:8, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan#Ier 50:2 air am briseadh gu làr.
10Och mo bhualadh, agus arbhar m’ùrlair! An nì a chuala mi o Thighearna nan sluagh, Dia Israeil, chuir mi an cèill dhuibhse#Esec 3:17‐19; Gnìo 20:26, 27.
11Trom‐eallach Dhumah#1 Each 1:30; Ier 49:7, etc.. Dh’èigh e rium o Sheir, Fhir na faire, ciod on oidhche? Fhir na faire, ciod on oidhche?
12Thubhairt am fear‐faire, Tha a’ mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche: ma dh’fhiosraicheas sibhse, fiosraichibh: tillibh, thigibh.
13An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan‐siubhail Dhedanim.
14Thug luchd‐àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich.
15Oir o na claidheamhan theich iad#Iob 6:19, 20, on chlaidheamh rùisgte#21:15 tarraingte; no, geuraichte., agus on bhogha lùbte, agus o bhoile a’ chogaidh.
16Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail#Iob 7:1, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as#Isa 60:7.
17Agus lùghdaichear fuidheall àireamh nam fear‐bogha, fir threuna de mhic Chedair; oir labhair an Tighearna Dia Israeil e.

Currently Selected:

Isaiah 21: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in