Isaiah 20
20
Fàidheadaireachd mu thimcheall braighdean na h‑Eiphit agus Etiopia.
1Anns a’ bhliadhna anns an tàinig Tartan gu Asdod#2 Rìgh 18:17, nuair a chuir Sargon rìgh Asiria a‑mach e, agus a chog e an aghaidh Asdoid agus a ghlac e e;
2Anns an àm sin labhair an Tighearna le Isaiah mac Amois, ag ràdh, Imich, agus fuasgail an t‑aodach‐saic od leasraidh, agus cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas; agus rinn e mar sin, ag imeachd lomnochd agus cas‐ruisgte.
3Agus thubhairt an Tighearna, Amhail a dh’imich m’òglach Isaiah lomnochd agus cas‐ruisgte trì bliadhna, na chomharradh agus na iongantas air an Eiphit agus air Etiopia;
4Mar sin bheir rìgh Asiria air falbh braighdean na h‑Eiphit, agus fògarraich Etiopia, òigridh agus seann daoine, len taobh‐cùil air a leigeadh ris, a‑chum nàire na h‑Eiphit.
5Agus bidh iad fo amhluadh, agus gabhaidh iad nàire de Etiopia a bu bhun‐dòchais dhaibh, agus den Eiphit a b’adhbhar uaill dhaibh.
6Agus their fear‐àiteachaidh na tìre seo anns an là sin: Feuch is amhail seo ar bun‐dòchais#Iob 6:20, gus#20:6 dh’ionnsaidh. an do theich sinn airson cobhair, a‑chum gum bitheamaid air ar saoradh o rìgh Asiria; cionnas, matà, a thèid sinn as?
Currently Selected:
Isaiah 20: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017