YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 19

19
1 Eallach na h‑Eiphit. 11 Amaideachd cheannardan Shoain. 18 Fàistneachd mu thimcheall na h‑Eiphit; 23 agus mu thimcheall Israeil agus Asiria.
1Trom‐eallach na h‑Eiphit#Ier 46:13; Esec 29; 30. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath#Salm 18:10; 104:3, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais#Ecs 12:12; Ier 43:12; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.
2Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.
3Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon#Esec 22:14; agus cuiridh mi ann an neo‐bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan#Isa 8:19; 47:12, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain‐shìth, agus a‑chum an luchd‐fiosachd.
4Agus bheir mi thairis na h‑Eiphitich do làimh tighearnan an‑iochdmhor#Isa 20:4; agus riaghlaidh rìgh borb os an cionn, deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh.
5Agus fàilnichidh na h‑uisgeachan on fhairge, agus thèid an abhainn an deòthadh, agus tiormaichear suas i.
6Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan‐dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram#2 Rìgh 19:24; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.
7Na luibhean ùrar ri taobh nan sruth, aig beul nan sruth, agus gach nì a chuireadh an cois nan sruth, seargaidh, sguabar air falbh, agus cha bhi e ann nas mò.
8Agus nì na h‑iasgairean bròn, agus nì iadsan uile, a tha a’ tilgeadh dubhain anns an abhainn, caoidh; agus fannaichidh iadsan a tha a’ sgaoileadh lìon air aghaidh nan uisgeachan.
9Agus cuirear gu amhluadh iadsan a tha ag obrachadh an lìn ghrinn#1 Rìgh 10:28, agus iadsan a tha a’ fighe lìon‐obrach.
10Agus sgaoilear as a chèile innleachdan gach uile neach a nì claisean agus linneachan airson èisg.
11Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain#Àir 13:22; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì‐chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian?
12Càit a bheil iad#1 Cor 1:20? Cia iad do dhaoine glice? Innseadh iad dhut a‑nis, agus cuireadh iad an cèill, ciod i comhairle Tighearna nan sluagh a‑thaobh na h‑Eiphit#Isa 44:7, 8.
13Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain#Ròm 1:22, tha ceannardan Noph#Ier 2:16 air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd‐taice a treubhan.
14Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain#1 Rìgh 22:22, 23; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith.
15Cha mhò a bhios obair air bith anns an Eiphit, aig a’ cheann no aig an earball, aig a’ ghèig no aig an luachair, ra dhèanamh.
16Anns an là sin bidh an Eiphit cosmhail ri mnathan#Ier 51:30; Nah 3:13; agus bidh crith agus geilt oirre, ro chrathadh làmh Tighearna nan sluagh, a chrathas e os a cionn.
17Agus bidh tìr Iùdah na cùis‐eagail don Eiphit; gach neach a nì luaidh oirre, gabhaidh e eagal ann fhèin; airson comhairle Tighearna nan sluagh, a ghabh e na h‑aghaidh.
18Anns an là sin, bidh còig bailtean ann an tìr na h‑Eiphit a’ labhairt cainnt Chanàain#Seph 3:9, agus a’ mionnachadh do Thighearna nan sluagh; goirear de aon dhiubh Baile an Sgrios#19:18 is e sin, sgrios do naimhdean..
19Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh#Gen 28:18; Ecs 24:4 aig a crìch don Tighearna.
20Agus bidh e mar chomharradh#Ios 4:20 agus mar fhianais do Thighearna nan sluagh ann an tìr na h‑Eiphit; oir glaodhaidh iad ris an Tighearna airson an luchd‐sàrachaidh, agus cuiridh e dan ionnsaigh fear‐saoraidh, eadhon fear treun, agus fuasglaidh e iad.
21Agus bidh an Tighearna aithnichte don Eiphit, agus aithnichidh na h‑Eiphitich an Tighearna anns an là sin; agus bheir iad ìobairt#Mal 1:11 agus tabhartas uapa; agus geallaidh iad gealladh don Tighearna, agus coileanaidh iad e.
22Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad.
23Anns an là sin bidh rathad mòr#Isa 11:16 on Eiphit gu Asiria; agus thig an t‑Asirianach don Eiphit, agus an t‑Eiphiteach gu Asiria; agus nì an t‑Eiphiteach adhradh maille ris an Asirianach.
24Anns an là sin measar Israel an treas aon, maille ris an Eiphit agus ri Asiria, na bheannachadh ann am meadhon na tìre,
25A bheannaicheas Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Beannaichte gu robh an Eiphit, mo shluagh‐sa#1 Pead 2:10, agus Asiria, obair mo làmh#Eph 2:10, agus Israel, m’oighreachd.

Currently Selected:

Isaiah 19: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in