YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 18

18
1 Bhagair Dia gun sgriosadh e luchd‐àiteachaidh Etiopia. 7 Bheir tìrean iomallach tabhartas gu Tighearna nan sluagh.
1Is truagh don tìr a tha falaichte#18:1 a’ sgàileadh. le sgiathan, a tha air taobh thall aibhnichean Etiopia#Isa 20:3‐5; Esec 30:4‐9; Seph 2:12; 3:10:
2A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach#18:2 air a sgapadh. agus air a lomadh#18:2 air fhionnadh.; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.
3Sibhse uile, a luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail, agus a tha a’ gabhail còmhnaidh air an talamh, nuair a thogar bratach suas air na slèibhtean#Isa 5:26, faicibh; agus nuair a shèidear trompaid, èisdibh.
4Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Gabhaidh mi fois, agus bidh mo shùil air m’àite‐còmhnaidh; mar#18:4 am feadh a tha teas. theas dealrach air an fheur, mar#18:4 agus. neul dealta ann an teas an fhogharaidh.
5Oir ron fhogharadh, nuair a bhios am blàth iomlan, agus a bhios am fìondhearc an‑abaich a’ tilgeadh a bhlàtha; gearraidh e dheth na meòir le corranan‐sgathaidh, agus na geugan bheir e air falbh, agus gearraidh e sìos.
6Fàgar iad le chèile gu eunlaith nam beann, agus gu beathaichean na talmhainn; agus cuiridh an eunlaith thairis an samhradh orra, agus cuiridh gach uile bheathach na talmhainn thairis an geamhradh orra.
7Anns an àm sin bheirear tabhartas gu Tighearna nan sluagh#Isa 16:1; Salm 68:31; 72:10 o chinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; agus o shluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos, aig a bheil am fearann air a chreachadh leis na h‑aibhnichean, gu ionad ainm Tighearna nan sluagh, gu sliabh Shioin.

Currently Selected:

Isaiah 18: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in