YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 14

14
1 Gheall Dia gun dèanadh e iochd air Israel, agus gun suidhicheadh e iad fathast nam fearann fhèin. 3 Sgrios rìgh Bhàbiloin. 24 Rùn Dhè an aghaidh nan Asirianach. 29 Bhagradh Palestina.
1Oir nì an Tighearna iochd air Iàcob#Salm 102:13, agus roghnaichidh e fhathast Israel#Sech 1:17; 2:12, agus suidhichidh e iad nam fearann fhèin; agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlùth‐leanaidh iad ri taigh Iàcoib.
2Agus gabhaidh na cinnich iad, agus bheir iad gu an àite fhèin iad#Isa 18:7; 60:4, etc.; 66:20, agus dealbhaichidh taigh Israeil iad ann am fearann an Tighearna, mar òglaich agus mar bhanoglaich; agus nì iad braighdean dhiubhsan aig an robh iad nam braighdean; agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a bha gan sàrachadh.
3Agus tàrlaidh, anns an là anns an tabhair an Tighearna dhut fois od àmhghair#Esec 28:24, agus od mhì‐shuaimhneas, agus on daorsa chruaidh a leagadh ort,
4Gun tog thu an fhàistneachd seo an aghaidh rìgh Bhàbiloin#Hab 2:6, agus their thu, Cionnas a sguir am fear‐sàrachaidh! Cionnas a sguir ise a bha sgeadaichte le òr#Tais 18:16!
5Bhris an Tighearna lorg nan aingidh, slat rìoghail an luchd‐riaghlaidh.
6Esan a bhuail na slòigh ann am feirg#Isa 33:1, le buille gun sgur; esan a thug fo ghèill na cinnich ann an corraich; tha e air a dhian‐ruagadh, gun neach a’ bacadh.
7Tha an talamh uile aig fois, agus ann an suaimhneas; tha iad a’ togail iolaich.
8Tha na croinn‐ghiuthais fhèin ri gàirdeachas tharad#Esec 31:16, agus croinn‐sheudair Lebanoin ag ràdh, On uair a thuit thusa, cha tàinig fear‐gearraidh a‑nìos nar n‑aghaidh‐ne.
9Tha ionad nam marbh air gluasad shìos air do shon#Esec 32:21, gud choinneachadh aig do theachd; tha e a’ dùsgadh nam marbh air do shon, uile dhaoine mòra na talmhainn; tha e a’ toirt air uile rìghrean nan cinneach èirigh suas on cathraichean.
10Labhraidh gach aon dhiubh, agus their iad riut, A bheil thusa fòs air fàs lag mar sinne? An do rinneadh thu cosmhail rinne?
11Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan‐ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh.
12Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach#14:12 Lucifer., a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich!
13Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh‐chathair#Daniel 8:10; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho‐chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath#Salm 48:2.
14Thèid mi suas os cionn àirde nan neul: bidh mi cosmhail ris an Tì as àirde#2 Tes 2:4.
15Ach bheirear a‑nuas thu#Mat 11:23 a‑chum na h‑uaighe, gu taobhan an t‑sluic.
16Iadsan a chì thu, amhaircidh iad gu geur ort, gabhaidh iad beachd dhìot: An e seo, their iad, am fear a thug air an talamh criothnachadh, a chuir rìoghachdan air chrith,
17A rinn an saoghal mar fhàsach, agus a leag sìos a bhailtean; nach d’fhosgail am prìosan da bhraighdean?
18Tha uile rìghrean nan cinneach, an t‑iomlan dhiubh, a’ laighe sìos ann an greadhnachas, gach aon na fhàrdaich fhèin.
19Ach tha thusa air do thilgeadh a‑mach as an uaigh, mar ghèig ghràineil, mar thrusgan nan daoine a mharbhadh, a thro‐lotadh leis a’ chlaidheamh a chaidh sìos do chlachan an t‑sluic; mar chlosaich air a saltairt fo chasan.
20Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd‐san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh#14:20 cliù. gu bràth air sliochd dhroch dhaoine#Iob 18:16; Salm 37:28.
21Ullaichibh àr airson a chloinne#Ecs 20:5, airson aingidheachd an athraichean: a‑chum nach èirich iad, agus nach sealbhaich iad an talamh, agus nach lìon iad aghaidh an domhain le bailtean.
22Oir èiridh mise nan aghaidh, deir Tighearna nan sluagh, agus gearraidh mi as o Bhàbilon an t‑ainm agus an t‑iarmad, agus am mac agus an t‑ogha, deir an Tighearna.
23Agus nì mi e na sheilbh don ghràineig, agus na phollan uisge; agus sguabaidh mi e le sguaib an lèirsgrios, deir Tighearna nan sluagh.
24Mhionnaich Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Gu cinnteach mar a dhealbh mise, mar sin tàrlaidh; agus mar a chuir mi romham, bidh sin air bhuil;
25A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh#Isa 10:27, agus togar a eallach bhàrr an guaille.
26Seo a’ chomhairle a tha air a suidheachadh mun talamh uile; agus seo an làmh a tha sìnte a‑mach thar nan uile chinneach.
27Oir shònraich Tighearna nan sluagh a’ chomhairle#2 Each 20:6; Iob 23:13; Gnà 21:30; Daniel 4:35, agus cò a bhacas? Agus is i a làmh‐san a tha sìnte mach, agus cò a thilleas air a h‑ais i?
28Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Ahas bàs#2 Rìgh 16:20, bha an trom‐eallach seo.
29Na dèan‐sa gàirdeachas, O uile Phalistìna, a chionn gun do bhriseadh slat an fhir a bha gad bhualadh#2 Each 26:6: oir o fhreumh na nathrach thig a‑mach rìgh‐nathair, agus is toradh#2 Rìgh 18:8 dhi nathair theinnteach itealach.
30Agus beathaichear ciad‐ghin nam bochd, agus laighidh an t‑ainnis sìos ann an tèarainteachd; agus marbhaidh mi do fhreumh‐sa le gorta, agus d’iarmad cuiridh e gu bàs.
31Nuallaich, O gheata; èigh, O chathair; O Phalistìna, tha thu uile air do leaghadh as; oir on àird a tuath thig deatach, agus cha bhi neach aonaranach na thràthan suidhichte#14:31 no, na bhuidhnibh..
32Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin#Salm 87:1‐6, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas#Seph 3:12.

Currently Selected:

Isaiah 14: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in