YouVersion Logo
Search Icon

Eclesiastes 8

8
1 Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh. 8 Chan eil cumhachd aig neach air bith os cionn an spioraid. 12 Èiridh gu maith don fhìrean, ach sgriosar an t‑aingidh. 16 Chan urrainn duine obair Dhè fhaotainn a‑mach.
1Cò a tha mar an duine glic? Agus cò don aithne eadar‐mhìneachadh nì#Gnà 1:5, 6? Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise.
2Comhairlicheam dhut àithne an rìgh a choimhead#Ròm 13:1, 6, agus sin airson mionnan Dhè.
3Na biodh cabhag ort gu dol as a shealladh#Daniel 10:4: na buanaich ann an droch nì, oir nì esan gach nì as àill leis.
4Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris#Iob 34:18; Gnà 30:31, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?
5Ge bè ghleidheas an àithne, cha mhothaich e droch nì sam bith; agus is aithne do chridhe duine glic àm agus breitheanas.
6A chionn aig gach nì gu bheil àm agus breitheanas; uime sin tha truaighe an duine trom.
7Oir chan eil fhios aige air an nì a bhios ann: oir cò a dh’innseas dha cionnas a bhitheas e.
8Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid#Salm 49:7, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i#Salm 73:18, etc..
9Seo uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fon ghrèin: tha àm anns an riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin.
10Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin#Ier 17:13; Eabh 10:38: is dìomhanas seo mar an ceudna.
11A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath#Salm 10:6; 50:21; 2 Pead 3:3, 4, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn‐shuidhichte air olc a dhèanamh#Isa 26:10.
12Ged nì peacach olc ceud uair#Daniel 7:15, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè#Salm 37:18, 19; Isa 3:10, 11, air am bi eagal na làthair.
13Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè.
14Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh#Iob 21:7, etc.; Salm 73:14; Mal 3:15; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna.
15An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl#Daniel 5:18; 9:7; 1 Tim 4:3, 4; 6:17, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin.
16Nuair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothaichean a nìthear air an talamh fhaicinn (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic cadal a là no a dh’oidhche le a shùilean);
17An sin chunnaic mi uile obair Dhè, nach urrainn duine an obair a nìthear fon ghrèin fhaotainn a‑mach#Iob 5:9; Salm 40:5; Ròm 11:33; a chionn ged nì duine a dhìcheall air a faotainn a‑mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fhathast, ged shaoil duine glic gum faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a‑mach.

Currently Selected:

Eclesiastes 8: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in