Eclesiastes 7
7
1 Is feàrr deagh ainm na na nithean as luachmhoire; 2 dol do thaigh a’ bhròin, na dol do thaigh na cuirme; 5 agus èisdeachd ri achmhasan duine ghlic, na èisdeachd ri òran amadan. 23 Tha eòlas a’ ghliocais cruaidh ri fhaotainn a‑mach.
1Is fheàrr deagh ainm na ola‑ungaidh luachmhor#Gnà 22:1, agus là bàis na là breith neach.
2Is fheàrr dol do thaigh a’ bhròin na dol do thaigh na cuirme; oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò ga chridhe e.
3Is fheàrr doilgheas na gàire#Salm 119:71; 2 Cor 7:9‐11; oir le dubhachas na gnùise nìthear an cridhe nas fheàrr#Eabh 12:10, 11; Seum 1:2‐4.
4Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais.
5Is fheàrr èisdeachd ri achmhasan duine glic na gun èisdeadh duine ri òran amadan#Salm 141:5.
6Oir mar fhuaim droighnich fo phoit, mar sin tha gàire an amadain: is dìomhanas seo mar an ceudna.
7Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe#Deut 16:19.
8Is fheàrr deireadh nì na a thoiseach: is fheàrr esan a tha foighidneach na spiorad na esan a tha àrdanach na spiorad#Gnà 14:29.
9Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.
10Na abair, Ciod a b’adhbhar gu robh na ciad làithean na b’fheàrr na iad seo? Oir chan ann o ghliocas a dh’fheòraicheas tu mun nì seo.
11Is math gliocas maille ri oighreachd: agus le sin tha tairbhe acasan a chì a’ ghrian.
12Oir is dìdean gliocas#Gnà 2:1, 11, agus is dìdean airgead: ach is e òirdheirceas an eòlais gun toir gliocas beatha dhaibhsan aig am bi e.
13Smaoinich air obair Dhè: oir cò as urrainn an nì sin a dhèanamh dìreach a rinn esan cam#Isa 14:27?
14Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud#Eòin 16:33; Gnìo 14:22, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.
15Chunnaic mi na h‑uile nithean ann an làithean mo dhìomhanais; tha fìrean ann a bhàsaicheas na fhìreantachd#Daniel 8:14; Eòin 16:2; Gnìo 7:59, agus tha duine aingidh ann a shìneas a làithean na aingidheachd#Isa 65:20.
16Na bi anabarrach fìreanta#Ròm 10:2, agus na gabh ort a bhith ro‑ghlic: carson a sgriosadh tu thu fhèin#Daniel 12:12?
17Na bi ro‑aingidh, agus na bi amaideach: carson a dh’eugadh tu rod àm#Salm 55:23?
18Is math dhut greim a ghabhail dheth seo, agus o seo mar an ceudna na tabhair air a h‑ais do làmh; oir an tì air am bi eagal Dhè, thig e asda sin uile#Daniel 8:12, 13; Mal 4:2.
19Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair.
20Oir chan eil duine ceart air an talamh#2 Each 6:36; 1 Eòin 1:8, a nì math, agus nach peacaich.
21Mar an ceudna na tabhair aire do na h‑uile bhriathran a labhrar#Isa 29:21, air eagal gun cluinn thu d’òglach gad mhallachadh.
22Oir tha fhios aig do chridhe gur minig a mhallaich thu fhèin daoine eile mar an ceudna.
23Seo uile dhearbh mi le gliocas: thubhairt mi, Bidh mi glic#Ròm 1:22; 1 Cor 1:20; ach b’fhada sin uam.
24An nì sin a tha fada as, agus ro‑dhomhain, cò a dh’fhaodas a fhaotainn a mach?
25Leag mi mo chridhe air faotainn eòlais air, agus air rannsachadh, agus air sireadh gliocais, agus adhbhair nithean, agus air fios a bhith agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mì‑chèille.
26Agus fhuair mi nas seirbhe na am bàs a’ bhean aig a bheil a cridhe#Gnà 5:3‐5 na ribeachan agus na lìontan, agus a làmhan nan ceanglaichean: ge bè neach a thaitneas ri Dia, thèid e as uaipe; ach glacar am peacach leatha#Gnà 22:14.
27Feuch, an nì seo fhuair mi, arsa an Searmonaiche, a’ meas gach aoin an dèidh a chèile, a dh’fhaotainn an adhbhair a mach:
28Nì a tha m’anam ag iarraidh fhathast, ach nach d’fhuair mi: aon fhear am measg mhìle fhuair mi, ach bean nam measg sin uile cha d’fhuair mi.
29Feuch, an nì seo a‑mhàin fhuair mi, gun do rinn Dia an duine ionraic#Gen 1:27; ach dh’iarr iad fhèin iomadh innleachd a‑mach#Gen 3:6, etc..
Currently Selected:
Eclesiastes 7: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017