1
Eclesiastes 8:15
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin.
Compare
Explore Eclesiastes 8:15
2
Eclesiastes 8:12
Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.
Explore Eclesiastes 8:12
3
Eclesiastes 8:6
A chionn aig gach nì gu bheil àm agus breitheanas; uime sin tha truaighe an duine trom.
Explore Eclesiastes 8:6
4
Eclesiastes 8:8
Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.
Explore Eclesiastes 8:8
5
Eclesiastes 8:11
A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn‐shuidhichte air olc a dhèanamh.
Explore Eclesiastes 8:11
6
Eclesiastes 8:14
Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna.
Explore Eclesiastes 8:14
7
Eclesiastes 8:7
Oir chan eil fhios aige air an nì a bhios ann: oir cò a dh’innseas dha cionnas a bhitheas e.
Explore Eclesiastes 8:7