1
Eclesiastes 7:9
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.
Compare
Explore Eclesiastes 7:9
2
Eclesiastes 7:14
Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.
Explore Eclesiastes 7:14
3
Eclesiastes 7:8
Is fheàrr deireadh nì na a thoiseach: is fheàrr esan a tha foighidneach na spiorad na esan a tha àrdanach na spiorad.
Explore Eclesiastes 7:8
4
Eclesiastes 7:20
Oir chan eil duine ceart air an talamh, a nì math, agus nach peacaich.
Explore Eclesiastes 7:20
5
Eclesiastes 7:12
Oir is dìdean gliocas, agus is dìdean airgead: ach is e òirdheirceas an eòlais gun toir gliocas beatha dhaibhsan aig am bi e.
Explore Eclesiastes 7:12
6
Eclesiastes 7:1
Is fheàrr deagh ainm na ola‑ungaidh luachmhor, agus là bàis na là breith neach.
Explore Eclesiastes 7:1
7
Eclesiastes 7:5
Is fheàrr èisdeachd ri achmhasan duine glic na gun èisdeadh duine ri òran amadan.
Explore Eclesiastes 7:5
8
Eclesiastes 7:2
Is fheàrr dol do thaigh a’ bhròin na dol do thaigh na cuirme; oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò ga chridhe e.
Explore Eclesiastes 7:2
9
Eclesiastes 7:4
Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais.
Explore Eclesiastes 7:4