Eclesiastes 11
11
1 Earail gu bhith coibhneil ris na bochdan. 7 Is còir do gach neach cuimhneachadh air bàs agus breitheanas ann an làithean òige.
1Tilg d’aran air aghaidh nan uisgeachan#Isa 32:20; oir an dèidh mòran làithean gheibh thu e#Deut 15:10; Salm 41:1, 2; Gnà 11:25; 19:7; 2 Cor 9:8; Eabh 6:10, 11.
2Thoir cuibhreann do sheachdnar#Mic 5:5, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.
3Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.
4An tì a bheir an aire don ghaoith, cha chuir e sìol; agus an tì a dh’amhairceas air na neòil, cha bhuain e.
5Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an spioraid#Eòin 3:8, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnà a bhios torrach#Salm 139:15, is amhail sin nach eil fhios agad air obraichean Dhè, mar a nì e na h‑uile nithean.
6Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud#1 Cor 3:7, no am bi iad le chèile cho math.
7Gu deimhinn is milis an solas, agus is taitneach do na sùilean sealltainn air a’ ghrèin.
8Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais#Eòin 12:35, gum bi iad lìonmhor#Iob 14:10. Is dìomhanas gach nì a thig.
9Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe#Àir 15:39; Deut 29:19, 20, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu#Ecl 12:14; Eabh 9:27.
10Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil#2 Tim 2:22; oir is dìomhanas leanabachd agus òige.
Currently Selected:
Eclesiastes 11: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017