Eclesiastes 10
10
1 Mu thimcheall gliocais agus amaideachd. 12 Is cuthach millteach briathran an amadain. 17 Is sona an tìr aig am bheil uachdaran glic.
1Bheir cuileagan marbha air ola‑ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd#Mat 5:13 airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.
2Tha cridhe duine glic air a làimh dheis; ach cridhe amadain air a làimh chlì.
3Anns an t‑slighe fhèin, nuair a shiùbhlas an t‑amadan, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine#Gnà 13:16 gur amadan e.
4Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite#Daniel 8:3; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra#1 Sam 25:24, etc..
5Tha olc a chunnaic mi fon ghrèin, mar sheachran a thig o làthair an uachdarain;
6Cuirear amaideachd an inbhe mhòir#Est 3:1, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal.
7Chunnaic mi òglaich air eich#Gnà 30:22 agus uachdarain a’ siubhal mar sheirbhisich air an talamh.
8An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann#Salm 7:15; agus an tì a bhriseas callaid, teumaidh nathair e.
9An tì a dh’atharraicheas clachan, gortaichear e leo; agus an tì a sgoilteas fiodh, bidh e an cunnart uaithe.
10Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh#1 Each 12:32.
11Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith‐bhriathrach.
12Tha briathran beul duine glic gràsail#Gnà 15:2; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas#Gnà 18:7.
13Is amaideachd toiseach briathran a bheòil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte.
14Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha?
15Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair.
16Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut#Isa 3:4, 12, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn!
17Is sona thu, a thìr, nuair as e do rìgh mac nan uasal, agus a dh’itheas d’uachdarain ann an àm iomchaidh, a‑chum neirt, agus chan ann a‑chum misge!
18Le mòran leisge thèid an aitreabh sìos; agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an taigh troimhe.
19Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach#Salm 104:15: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean.
20Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh#Ecs 22:28; Gnìo 23:5, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth#Lùc 19:40, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.
Currently Selected:
Eclesiastes 10: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017