Ròmanaich 9
9
Mulad Mòr Phòil mu Israel
1Tha mi a' bruidhinn na fìrinn ann an Crìosd – chan eil mi ag innse breug; tha mo chogais a' dèanamh fianais dhomh san Spiorad Naomh – 2gu bheil mulad mòr orm agus àmhghar gun sgur nam chridhe. 3Oir dh'fhaodainn miannachadh gum bithinn fhèin mallaichte 's air mo ghearradh às o Chrìosd air sgàth mo bhràithrean, mo luchd‑dàimh a rèir na feòla, 4a tha nan Israelich. Dhaibhsan buinidh an uchd‑mhacachd, is a' ghlòir, is na cùmhnantan, is tabhairt an lagha, is seirbheis Dhè, agus na geallaidhean. 5Dhaibhsan buinidh na prìomh‑athraichean, agus uapasan, a rèir na feòla, tha an Crìosd a tha os cionn gach nì, beannaichte le Dia gu sìorraidh. Amen.
Taghadh Uachdarail Dhè
6Ach chan eil e mar gum biodh facal Dhè air fàilligeadh. Oir chan eil iadsan uile a tha o Israel a' buntainn do dh'Israel, 7cha mhotha a tha iad uile nan sliochd do dh'Abrahàm a chionn 's gu bheil iad nan sìol dha, ach, “Tro Ìsaac bidh do shliochd air an ainmeachadh.”#Gen. 21:12 8Tha seo a' ciallachadh nach eil clann na feòla nan cloinn do Dhia, ach tha clann a' gheallaidh air am meas mar shìol. 9Oir is e seo facal a' gheallaidh: “Mun àm seo an ath‑bhliadhna tillidh mi, agus bidh mac aig Sàra.”#Gen. 18:10, 14
10Agus chan e sin a‑mhàin, ach cuideachd nuair a bha Rebeca air fàs torrach o aon duine, ar n‑athair Ìsaac, 11ged nach robh iad air am breith fhathast agus nach robh iad air sìon a dhèanamh, math no olc – airson 's gun seasadh rùn taghaidh Dhè, 12chan ann air sgàth deagh obraichean ach air sgàth a ghairm‑san – chaidh cantainn rithe, “Nì am fear as sine seirbheis dhan neach as òige.”#Gen. 25:23 13Dìreach mar a tha e sgrìobhte, “Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh'fhuathaich mi Esau.”#Mal. 1:2, 3
14Dè a chanas sinn ma‑thà? A bheil eucoir ann le Dia? Na tachradh e gu bràth! 15Oir tha e ag ràdh ri Maois:
“Bidh tròcair agam air an neach air am bi tròcair agam,
agus gabhaidh mi truas dhan neach dhan gabh mi truas.”#Ecs. 33:19
16Mar sin, ma‑thà, chan eil e a' crochadh air rùn daonna no air oidhirpeachadh, ach air Dia, a tha tròcaireach. 17Oir tha an Sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh: “Airson an dearbh adhbhar seo tha mi air do thogail suas, airson 's gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus airson 's gum biodh m' ainm air a chur an cèill san talamh gu lèir.”#Ecs. 9:16 18Mar sin, ma‑thà, bidh tròcair aige air ge b' e cò a roghnaicheas e, agus tha e a' cruadhachadh ge b' e cò a roghnaicheas e.
19Canaidh tu rium an uair sin, “Carson a tha e fhathast a' faighinn coire? Oir cò as urrainn cur an aghaidh a rùin‑san?” 20Ach, cò thusa, a dhuine, a tha a' freagairt air ais ri Dia? “An can an rud a th' air a chumadh ris an fhear a chùm e, ‘Carson a rinn thu mar seo mi?’”#Isa. 29:16; 45:9 21Nach eil còir idir aig a chrèadhadair thairis air a' chrèadh, a dhèanamh – às an aon chnap – aon t‑soitheach airson cleachdadh urramach is soitheach eile airson cleachdadh eas‑urramach?
22Ach dè ma tha Dia – a' miannachadh a chorraich fhoillseachadh 's a chumhachd a dhèanamh aithnichte – le mòr fhoighidinn, air soithichean na corraich ullachadh airson sgrios? 23Agus rinn e seo airson 's gun dèanadh e aithnichte saidhbhreas a ghlòire air soithichean na tròcaire, a dh'ullaich e ro‑làimh airson glòire – 24fiù 's sinne a tha e air a ghairm, chan ann o na h‑Iùdhaich a‑mhàin ach o na Cinnich cuideachd? 25Mar a tha e cuideachd ag ràdh ann an Hosèa:
“Orrasan nach robh nan sluagh dhomh, gabhaidh mi ‘mo shluagh‑sa’;
agus oirrese nach robh air a gràdhachadh, gabhaidh mi ‘gràdhaichte.’”#Hos. 2:23
26agus,
“Anns an dearbh àite far an robh e air a ràdh riutha, ‘Cha sibhse mo shluagh‑sa,’
an sin thèid ‘cloinn an Dè bheò’ a ghabhail orra.”#Hos. 1:10
27Agus tha Isaiah ag èigheach mu Israel:
“Ged a bhiodh àireamh mhic Israeil mar ghainmheach na mara,
cha bhi ach fuidheall dhiubh air an sàbhaladh.
28Oir cuiridh an Tighearna a bhinn an gnìomh air an talamh
gu coileanta agus gun dàil.”#Isa. 10:22, 23 (LXX)
29Agus mar a dh'innis Isaiah ro‑làimh:
“Mura robh Tighearna nan slògh air sliochd fhàgail againn,
bha sinn air a bhith mar Shodom agus air fàs coltach ri Gomorah.”#Isa. 1:9
Eas‑Creideamh Israeil
30Dè mar sin a chanas sinn? Gun do ràinig na Cinnich, nach deach air tòir fìreantachd, oirre, 's e sin, fìreantachd a tha o chreideamh; 31ach nach do ràinig Israel, a chaidh air tòir lagh na fìreantachd, an lagh sin. 32Carson? A chionn 's nach b' ann o chreideamh, ach mar gum b' ann o obraichean. Thuislich iad thairis air a' ‘chloich‑thuislidh.’ 33Mar a tha e sgrìobhte:
“Seall, tha mi a' cur ann an Sion ceap‑tuislidh,
agus creag oilbheim;
agus ge b' e cò a chreideas ann,
cha bhi e air a nàrachadh.”#Isa. 8:14; 28:16
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024