Skip to content

Ròmanaich 8

8
Beatha tron Spiorad
1Mar sin, chan eil dìteadh sam bith a‑nis ann dhaibhsan a th' ann an Crìosd Ìosa. 2Oir tha lagh Spiorad na beatha, ann an Crìosd Ìosa, air do shaoradh o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis. 3Oir rinn Dia an rud nach b' urrainn dhan lagh – air a lagachadh leis an fheòil – a dhèanamh, a' cur a Mhic fhèin ann an coltas feòla peacaich agus airson peacaidh, dhìt e am peacadh san fheòil, 4airson 's gum biodh iarrtas fìreanta an lagha air a choileanadh annainne, a tha a' coiseachd chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
5Oir tha iadsan a tha beò a rèir na feòla a' suidheachadh an inntinnean air rudan na feòla, ach iadsan a tha beò a rèir an Spioraid air rudan an Spioraid. 6Tha dòigh smaoineachaidh na feòla na bàs, ach tha dòigh smaoineachaidh an Spioraid na beatha 's na sìth; 7oir tha dòigh smaoineachaidh na feòla nàimhdeil do Dhia, oir chan eil i umhail do lagh Dhè, cha mhotha as urrainn dhi a bhith, 8agus iadsan a tha anns an fheòil, chan urrainn dhaibh Dia a thoileachadh.
9Chan eil sibhse, ge‑tà, anns an fheòil ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè dha‑rìribh a' còmhnaidh annaibh. Ach mura h‑eil Spiorad Chrìosd aig neach sam bith, cha bhuin e dha. 10Ach ma tha Crìosd annaibh, ged a tha a' bhodhaig marbh air sgàth peacaidh, tha an Spiorad beò air sgàth fìreantachd. 11Ma tha an Spiorad aigesan a thog Ìosa o na mairbh a' còmhnaidh annaibh, bheir esan a thog Crìosd o na mairbh cuideachd beatha dhar bodhaigean bàsmhor, tro chòmhnaidh an Spioraid annaibh.
12Mar sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann dhan fheòil, airson a bhith beò a rèir na feòla. 13Oir ma bhios sibh beò a rèir na feòla, feumaidh sibh bàsachadh, ach ma chuireas sibh, tron Spiorad, gu bàs gnìomhan na bodhaige, bidh sibh beò. 14Oir iadsan uile a th' air an treòrachadh le Spiorad Dhè is iad sin mic Dhè. 15Oir cha d' fhuair sibh spiorad na tràilleachd a‑rithist airson tilleadh gu eagal, ach fhuair sibh spiorad na h‑uchd‑mhacachd, tron a bheil sibh ag èigheach, “Abba!#8:15 “Athair” sa chainnt Aramais Athair!” 16Tha an Spiorad fhèin a' dèanamh fianais còmhla ri ar spiorad‑ne gur sinne clann Dhè, 17agus mas clann, mar sin oighreachan – oighreachan do Dhia agus co‑oighreachan cuide ri Crìosd, mas e 's gum fulaing sinn dha‑rìribh còmhla ris, airson 's gun tèid ar glòrachadh còmhla ris.
Fulangas an Ama seo agus a' Ghlòir ri Thighinn
18Oir tha mi a' meas nach eil fulangais a cheart ama seo airidh air a bhith air an coimeas ris a' ghlòir a tha gu bhith air a thaisbeanadh dhuinn. 19Oir tha an cruthachadh a' feitheamh le miann dealasach airson taisbeanadh clann Dhè. 20Oir bha an cruthachadh air a chur fo dhìomhanas, cha b' ann gu deònach, ach air sgàth esan a chuir fo cheannsa e, ann an dòchas 21gum bi fiù 's an cruthachadh fhèin air a shaoradh o dhaorsa na truaillidheachd gu saorsa glòir clann Dhè.
22Oir is aithne dhuinn gu bheil an cruthachadh gu lèir air a bhith ag osnaich còmhla ann am piantan aiseid gus an àm seo. 23Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinne cuideachd, aig a bheil ciad‑thoradh an Spioraid, ag osnaich annainn fhèin, a' feitheamh gu dealasach ri uchd‑mhacachd mar mhic – ath‑cheannach ar cuirp. 24Oir anns an dòchas seo chaidh ar sàbhaladh. Ach dòchas a chithear, chan e dòchas a th' ann. Oir a bheil dòchas aig an duine airson na chì e? 25Ach ma tha sinn an dòchas airson an rud nach eil sinn a' faicinn, tha sinn a' feitheamh gu foighidneach air a shon.
26Agus san aon dòigh cuideachd, tha an Spiorad gar cuideachadh nar laigse. Oir chan aithne dhuinn ciamar a nì sinn ùrnaigh mar bu chòir dhuinn, ach tha an Spiorad fhèin a' dèanamh eadar‑ghuidhe air ar son le osnaich thar bhriathran. 27Agus is aithne dhàsan a tha a' rannsachadh nan cridheachan dè a th' ann an inntinn an Spioraid, a chionn 's gu bheil an Spiorad a' dèanamh eadar‑ghuidhe airson nan naomh a rèir rùn Dhè.
Barrachd air Luchd‑Buaidh
28Agus is aithne dhuinn gun co‑obraich a h‑uile rud airson maith na feadhna aig a bheil gràdh do Dhia, dhaibhsan a th' air an gairm a rèir a rùin‑san. 29Oir iadsan a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e cuideachd gus a bhith air an co‑chumadh ri ìomhaigh a Mhic, airson 's gum biodh esan na chiad‑ghin am measg mhòran bhràithrean. 30Agus an fheadhainn a ro‑òrdaich e, iadsan ghairm e cuideachd, agus an fheadhainn a ghairm e, iadsan dh'fhìreanaich e cuideachd, agus an fheadhainn a dh'fhìreanaich e, iadsan ghlòraich e cuideachd.
31Dè mar sin a chanas sinn ri na rudan sin? Ma tha Dia air ar son, cò as urrainn a bhith nar n‑aghaidh? 32Esan nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son‑ne uile, ciamar còmhla ris‑san nach toir e cuideachd dhuinn gu gràsmhor a h‑uile rud? 33Cò a bheir casaid sam bith an aghaidh luchd taghte Dhè? Is e Dia a dh'fhìreanaicheas. 34Cò a dhìteas? Is e Crìosd Ìosa a fhuair bàs – seadh barrachd air a sin, a bh' air a thogail, a tha aig deas‑làimh Dhè, a tha cuideachd a' dèanamh eadar‑ghuidhe air ar son. 35Cò a sgaras sinn o ghaol Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur‑leanmhainn, no gorta, no lomnochd, no cunnart, no claidheamh? 36Mar a tha e sgrìobhte:
“Air do shon‑sa tha sinn air ar marbhadh fad an latha;
tha sinn air ar meas mar chaoraich airson marbhaidh.”#Salm 44:22
37Ach anns na rudan seo uile tha sinn a' toirt barrachd air buaidh troimhesan a thug gaol dhuinn. 38Oir tha mi dearbhte nach bi: bàs no beatha, no ainglean no riaghladairean, no rudan a tha an làthair no rudan a tha ri thighinn, no cumhachdan, 39no àirde, no doimhne, no dad cruthaichte sam bith eile, an comas air ar sgaradh o ghaol Dhè a th' ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna.