Skip to content

Ròmanaich 10

10
1A bhràithrean, 's e miann mo chridhe is m' ùrnaigh do Dhia dhaibhsan, gum biodh iad air an sàbhaladh. 2Oir tha mi a' toirt fianais mun deidhinn gu bheil eud aca airson Dhè, ach chan ann a rèir eòlais. 3Oir, aineolach mun fhìreantachd a tha a' tighinn o Dhia agus a' sireadh am fìreantachd fhèin a shuidheachadh, cha do ghèill iad do dh'fhìreantachd Dhè. 4Oir is e Crìosd crìoch an lagha airson fìreantachd dhaibhsan uile a chreideas.
5Oir tha Maois a' sgrìobhadh mun fhìreantachd a tha on lagh: “Bidh an neach a nì na rudan seo beò leotha.”#Lebh. 18:5 6Ach tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, “Na can nad chridhe, ‘Cò a thèid suas gu nèamh?’#Deut. 30:12” (Is e sin, a bhith a' toirt Chrìosd sìos) 7“no ‘Cò a thèid sìos dhan doimhneachd?’#Deut. 30:13” (Is e sin a bhith a' togail Chrìosd suas o na mairbh). 8Ach dè a tha i ag ràdh? “Tha am facal faisg ort, nad bheul agus nad chridhe.”#Deut. 30:14 (Is e sin facal a' chreideimh a tha sinne a' cur an cèill). 9Oir, ma dh'aidicheas tu led bheul gur e Ìosa Crìosd an Tighearna agus ma chreideas tu nad chridhe gun do thog Dia on na mairbh e, bidh thu air do shàbhaladh. 10Oir is ann leis a' chridhe a tha neach a' creidsinn agus air fhìreanachadh, agus leis a' bheul a tha neach ag aideachadh 's air a shàbhaladh. 11Oir tha an Sgriobtar ag ràdh: “A h‑uile neach a chreideas annsan cha bhi e air a nàrachadh.”#Isa. 28:16 (LXX) 12Oir chan eil eadar‑dhealachadh sam bith eadar Iùdhach is Greugach; 's e an aon Tighearna Tighearna nan uile, a' buileachadh a bheairteis orrasan uile a tha a' gairm air. 13Oir, “Ge b' e cò a ghairmeas air ainm an Tighearna thèid a shàbhaladh.”#Ioel 2:32
14Ach ciamar a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus ciamar a chreideas iad annsan mu nach cuala iad? Agus ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche? 15Agus ciamar a shearmonaicheas iad mura h‑eil iad air an cur? Mar a tha e sgrìobhte, “Nach brèagha casan na feadhna sin a tha a' searmonachadh an deagh sgeòil!”#Isa. 52:7
16Ach cha robh iad uile umhail dhan t‑soisgeul. Oir tha Isaiah ag ràdh, “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd?”#Isa. 53:1 17Mar sin tha creideamh a' tighinn o èisteachd, agus èisteachd tro fhacal Chrìosd. 18Ach, tha mi ag ràdh, nach cuala iad? Dha‑rìribh chuala:
“Tha an guth‑san air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal uile,
agus am briathran gu iomallan an t‑saoghail.”#Salm 19:4
19Ach tha mi ag ràdh, nach do thuig Israel? An toiseach tha Maois ag ràdh:
“Nì mi farmadach sibh tromhpasan nach eil nan nàisean;
le nàisean neo‑thuigseach nì mi feargach sibh.”#Deut. 32:21
20Agus tha Isaiah cho dàn 's gu bheil e ag ràdh:
“Chaidh mo lorg leothasan nach robh gam shireadh;
dh'fhoillsich mise mi fhèin dhaibhsan nach do dh'fhaighnich air mo shon.”#Isa. 65:1
21Ach mu Israel tha e ag ràdh:
“Fad an latha tha mi air mo làmhan a shìneadh a‑mach ri sluagh
eas‑umhail 's a tha nam aghaidh.”#Isa. 65:2