Skip to content

Ròmanaich 12

12
Ìobairtean Bheò
1Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, a bhràithrean, tro thròcairean Dhè, ur bodhaigean a nochdadh nam beò‑ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia, 's e sin ur n‑adhradh spioradail. 2Na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo, ach bithibh air ur cruth‑atharrachadh tro ath‑nuadhachadh ur n‑inntinn, airson 's gun dearbh sibh dè toil Dhè – dè a tha math is iomchaidh is coileanta.
3Oir leis a' ghràs a chaidh a thoirt dhomh, tha mi ag ràdh ris a h‑uile neach nur measg gun a bhith a' smaoineachadh ma dheidhinn fhèin nas àirde na bu chòir dha, ach a bhith a' smaoineachadh le breithneachadh sòbarra, gach neach a rèir an tomhas creideimh a tha Dia air a shònrachadh. 4Oir mar ann an aon bhodhaig a tha mòran bhall againn, agus nach eil an aon obair aig a h‑uile ball 5mar sin sinne, a tha nar mòran, tha sinn nar n‑aon bhodhaig ann an Crìosd, agus fa leth nar buill de chàch‑a‑chèile. 6Tha tiodhlacan againn a tha eadar‑dhealaichte a rèir a' ghràis a chaidh a thoirt dhuinn: mas e fàidheadaireachd, a rèir tomhas ar creideimh; 7mas e seirbheis, nar seirbheis; an neach a theagaisgeas, na theagasg; 8an neach a nì earail, na earalachadh; an neach a bhuilicheas, ann am fialaidheachd; an neach a threòraicheas, gu dìcheallach; an neach a nì gnìomhan tròcaireach, gu sunndach.
Gràdh
9Biodh gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh dha na tha olc; cumaibh grèim daingeann air na tha math. 10Ann an gràdh bràithreil gràdhaichibh a chèile. Ann an urram thoiribh àite dha chèile. 11Ann an eud na bithibh leisg, ann an spiorad bithibh dùrachdach, dhan Tighearna a' dèanamh seirbheis. 12Ann an dòchas, dèanaibh gàirdeachas, ann an trioblaid, buanaichibh, ann an ùrnaigh, bithibh seasmhach. 13Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.
14Beannaichibh iadsan a nì geur‑leanmhainn oirbh; beannaichibh is na mallaichibh iad. 15Dèanaibh gàirdeachas leothasan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh leothasan a tha ri caoidh. 16Bithibh ann an co‑chòrdadh ri càch‑a‑chèile. Na bithibh àrdanach, ach biodh comann agaibh leothasan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
17Na pàighibh air ais olc airson uilc, ach smaoinichibh mu na tha ceart mu choinneamh dhaoin' uile. 18Ma tha e an comas, cho fada 's a tha e an crochadh oirbhse, bithibh beò ann an sìth leis a h‑uile duine. 19A chàirdean ghràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach fàgaibh aig corraich Dhè e, oir tha e sgrìobhte, “Is ann leamsa a tha dìoghaltas, pàighidh mise air ais, tha an Tighearna ag ràdh.”#Deut. 32:35 20Air a chaochladh:
“Ma tha do nàmhaid acrach, thoir biadh dha;
ma bhios am pathadh air, thoir deoch dha;
oir le bhith a' dèanamh seo càrnaidh tu
èibhlean teine air a cheann.”#Gnàth‑fh. 25:21, 22
21Na bi air do chur fo bhuaidh leis an olc, ach thoir buaidh air an olc leis a' mhath.