Ròmanaich 11
11
Fuidheall Israeil
1Tha mi a' faighneachd, mar sin: A bheil Dia air a shluagh a dhiùltadh? Na tachradh e gu bràth! Tha mise nam Israeleach mi fhèin, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin. 2Cha do dhiùlt Dia a shluagh‑san a ro‑aithnich e. Nach aithne dhuibh dè a tha an Sgriobtar ag ràdh mu Eliah, mar a tha e a' tagradh air Dia an aghaidh Israeil? 3“A Thighearna, tha iad air na fàidhean agad a mharbhadh, tha iad air na h‑altairean agad a leagail sìos; is mise a‑mhàin a tha air m' fhàgail, agus tha iad a' sireadh mo bheatha.”#1 Rìgh. 19:10, 14 4Ach dè a fhreagair Dia ris? “Tha mi air seachd mìle fear a chumail dhomh fhèin nach do lùb an glùin do Bhàal.”#1 Rìgh. 19:18 5Mar sin cuideachd, aig a' cheart àm seo, tha fuidheall ann, a chaidh a thaghadh le gràs. 6Ach mas ann le gràs a tha e, chan eil e tuilleadh air bun‑stèidh obraichean; no cha bhiodh gràs tuilleadh na ghràs.
7Dè mar sin? An rud a bha Israel a' sireadh, cha d' fhuair i. Fhuair an fheadhainn thaghte e, ach chaidh an còrr a chruadhachadh, 8mar a tha e sgrìobhte:
“Thug Dia spiorad suaine dhaibh,
sùilean airson 's nach fhaiceadh iad
agus cluasan airson 's nach cluinneadh iad,
sìos chun an latha seo fhèin.”#Deut. 29:4; Isa. 29:10
9Agus tha Daibhidh ag ràdh:
“Biodh am bòrd aca a' tighinn gus a bhith
na ribe 's na inneal‑glacaidh,
na cheap‑tuislidh
agus na ath‑dhìoladh dhaibh.
10Biodh an sùilean air an dorchnachadh
airson 's nach fhaic iad,
is biodh an dromannan air an cromadh gu bràth.”#Salm 69:22, 23
Geugan air an Nòdachadh A‑Steach
11Mar sin tha mi ag ràdh, an do thuislich iad airson 's gun tuiteadh iad? Na tachradh e gu bràth! An àite sin, trom peacadh‑san tha slàinte air tighinn gu na Cinnich, gus Israel a dhèanamh farmadach. 12A‑nis ma tha am peacadh acasan a' ciallachadh saidhbhreis dhan t‑saoghal, agus ma tha am fàilligeadh acasan a' ciallachadh saidhbhreis airson nan Cinneach, nach mòr mar sin a bhios an lànachd‑san?
13A‑nis tha mi a' bruidhinn ribhse a Chinneacha. Mar sin, chun na h‑ìre 's gu bheil mi nam abstol gu na Cinnich, tha mi ag àrdachadh mo mhinistrealachd 14airson 's, ann an dòigh air choireigin, gun dèanainn farmadach sluagh mo cho‑fheòla, is mar sin gun sàbhailinn cuid dhiubh. 15Oir ma tha an diùltadh‑san a' ciallachadh rèiteachadh an t‑saoghail, dè a bhios an ‘gabhail ris’ aca a' ciallachadh, ach beatha o na mairbh? 16Ma tha a' chiad chuid dhen taois a th' air a tairgsinn, naomh, tha 's an cnap gu lèir, agus ma tha am freumh naomh, tha 's na geugan cuideachd.
17Ach ma chaidh cuid dhe na geugan am briseadh dheth, is gun deach thusa, ged a tha thu nad chrann‑ola fiadhaich, do nòdachadh a‑steach nam measg agus a‑nis gu bheil thu a' faighinn co‑roinn ann am freumh bheathachail a' chroinn‑ola, 18na bi àrdanach ri na geugan. Ma bhitheas, cuimhnich nach tusa a tha a' giùlain an fhreumha, ach gur e am freumh a tha gad ghiùlain‑sa. 19Canaidh tu an uair sin, “Bha geugan air am briseadh dheth airson 's gum bithinn‑sa air mo nòdachadh a‑steach.” 20Tha sin fìor. Chaidh am briseadh dheth air sgàth an eas‑creideimh‑san, ach tha thusa a' seasamh gu daingeann tro chreideamh. Mar sin na bidh pròiseil, ach fo eagal. 21Oir mur an do chaomhain Dia na geugan nàdarra, cha mhotha a chaomhaineas e thusa.
22Faic ma‑thà, coibhneas is geur‑smachd Dhè, geur‑smachd dhaibhsan a th' air tuiteam, ach coibhneas Dhè dhutsa, ma chumas tu ort na choibhneas. No bidh thusa cuideachd air do ghearradh às. 23Agus bidh fiù 's iadsan, mura lean iad orra nan eas‑creideamh, air an nòdachadh a‑steach, oir tha an cumhachd aig Dia gus an nòdachadh a‑steach a‑rithist. 24Oir ma bha thusa air do ghearradh às on chrann‑ola a bha fiadhaich a thaobh nàdair, 's air do nòdachadh, an aghaidh nàdair, a‑steach do chrann‑ola àitichte, nach mòr nas motha a bhios iad seo, na geugan nàdarra, air an nòdachadh air ais a‑steach dhan chrann‑ola aca fhèin?
Bidh Israel gu Lèir air a Sàbhaladh
25Oir chan eil mi ag iarraidh gum bi sibhse aineolach mun dìomhaireachd seo, a bhràithrean, airson 's nach bidh sibh glic nur barail fhèin – gu bheil cruadhachadh ann am pàirt air tighinn air Israel gus am bi làn‑àireamh nan Cinneach air tighinn a‑steach. 26Agus mar sin bidh Israel gu lèir air a sàbhaladh, mar a tha e sgrìobhte:
“Thig am Fear‑Saoraidh o Shion;
agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob.
27Agus is e seo mo chùmhnant leotha,
nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean.”#Isa. 59:20, 21; 27:9 (LXX); Ier. 31:33, 34
28A thaobh an t‑soisgeil, tha iad nan nàimhdean air ur sgàth‑se. Ach a thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean; 29oir tha tiodhlacan is gairm Dhè gun atharrachadh. 30Dìreach mar a bha sibhse aig aon àm eas‑umhail do Dhia, ach a‑nis tha sibh air tròcair fhaighinn air sgàth an eas‑ùmhlachd‑san, 31mar sin tha iadsan a‑nis cuideachd air a bhith eas‑umhail air sgàth 's, leis an tròcair a chaidh a shealltainn dhuibhse, gum faigh iadsan a‑nis tròcair cuideachd. 32Oir tha Dia air a h‑uile sìon a dhùnadh suas ann a eas‑ùmhlachd, airson 's gun sealladh e tròcair dhaibh uile.
Docseòlas
33Ò, doimhne saidhbhreis is gliocais
is eòlais Dhè!
Nach do‑rannsaichte a bhreitheanais,
agus nach do‑thuigsinneach a shlighean!
34“Oir cò aig an robh fios air inntinn an Tighearna?
No cò a bha na chomhairleach dha?”#Isa. 40:13
35“No cò a thug dhàsan an toiseach,
airson 's gum biodh e air a phàigheadh air ais?”#Iob 41:11
36Oir is ann uaithesan is troimhesan is dhàsan
a tha a h‑uile sìon.
Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024