Skip to content

Ròmanaich 13

13
Ùmhlachd dha na h‑Ùghdarrasan
1Biodh gach neach umhail dha na h‑ùghdarrasan a tha a' riaghladh. Oir chan eil ùghdarras ann ach o Dhia, agus chaidh an fheadhainn a tha ann an stèidheachadh le Dia. 2Mar sin tha esan a chuireas an aghaidh ùghdarrais a' cur an aghaidh an rud a shuidhich Dia, agus iadsan a chuireas na aghaidh, gheibh iad breitheanas. 3Oir chan eil na riaghladairean nan adhbhar oillt do dheagh obraichean, ach do dhroch obraichean. Am miann leat a bhith gun eagal bhon ùghdarras? Dèan am math is gheibh thu a mholadh; 4oir is esan seirbheiseach Dhè dhutsa airson maith. Ach ma nì thu na tha ceàrr, biodh eagal ort, oir chan eil e a' giùlain a' chlaidheimh gu dìomhain. Oir is esan seirbheiseach Dhè, dìoghaltair a tha a' toirt corraich Dhè air an neach a nì olc. 5Mar sin, feumaidh neach a bhith umhail, chan ann a‑mhàin air sgàth corraich, ach cuideachd air sgàth a' chogais.
6Air an aon adhbhar tha sibh cuideachd a' pàigheadh chìsean, oir tha iad nan seirbheisich Dhè, a' frithealadh an nì seo fhèin. 7Thoir dhan a h‑uile duine a chòir: dhaibhsan dham bheil còir air cìsean, cìsean; dhaibhsan dham bheil còir air teachd a‑steach, teachd a‑steach; dhaibhsan dham bheil còir air eagal, eagal; dhaibhsan dham bheil còir air urram, urram.
Tha Gràdh a' Coileanadh an Lagha
8Na biodh fiachan aig neach sam bith oirbh, oir tha an neach a tha a' gràdhachadh neach eile air an lagh a choileanadh. 9Tha na h‑àitheantan, “Na dèan adhaltranas, na dèan murt, na dèan goid, na sanntaich,”#Ecs. 20:13‑17; Deut. 5:17‑19, 21 agus àithne sam bith eile, air an cur ann an geàrr‑chunntas mar seo, “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.”#Lebh. 19:18 10Cha dèan gràdh olc sam bith air coimhearsnach; mar sin 's e gràdh coileanadh an lagha.
Tha an Latha Faisg
11A bharrachd air a seo, tha sibh eòlach air an àm, gur e seo an uair againne dùsgadh o chadal, oir tha ar slàinte nas fhaisge oirnn a‑nis na nuair a chreid sinn. 12Tha an oidhche air a dhol air adhart; tha an latha faisg air làimh. Mar sin cuireamaid a thaobh obraichean an dorchadais agus cuireamaid oirnn armachd an t‑solais. 13Coisicheamaid gu ceart, mar san latha; chan ann ann an ruidhtearachdan no ann am misg, chan ann ann am feise mì‑mhoralta is feòlmhorachd, chan ann ann an còmhstri 's ann am farmad. 14Ach, cuiribh oirbh an Tighearna Ìosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, airson a miannan a riarachadh.