Gnìomhan 3
3
Peadar a' Leigheas an Dèirceach a Bha na Chrioplach
1A‑nis bha Peadar is Eòin a' dol suas dhan teampall aig àm na h‑ùrnaigh – trì uairean feasgar#3:1 Gu lit.: An naoidheamh uair. 2Agus bha duine àraidh ga ghiùlain a bha na chrioplach o bhroinn a mhàthar, a bhiodh iad a' cur sìos gach latha aig geata an teampaill ris an canar Brèagha a dh'iarraidh dèirce orrasan a bha a' dol a‑steach dhan teampall. 3A' faicinn Peadair is Eòin gus a dhol a‑steach dhan teampall, dh'iarr e dèirc. 4Ach sheall Peadar, cuide ri Eòin, gu geur air agus thuirt e, “Coimhead oirnne!” 5Agus thug e aire dhaibh, a' sùileachadh gum faigheadh e rudeigin uapa.
6Ach thuirt Peadar, “Airgead no òr chan eil agam, ach an rud a tha agam bheir mi dhut. Ann an ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, èirich 's coisich.” 7Agus a' breith air a làimh dheis, thog e suas e, agus sa bhad chaidh a chasan agus adhbrannan a neartachadh. 8Agus a' leum suas sheas e agus thòisich e air coiseachd, agus chaidh e a‑steach dhan teampall còmhla riutha, a' coiseachd 's a' leum 's a' moladh Dhè. 9Agus chunnaic an sluagh gu lèir e a' coiseachd 's a' moladh Dhè, 10agus dh'aithnich iad gum b' esan am fear a bhiodh na shuidhe aig Geata Brèagha an teampaill, ag iarraidh dèirce. Agus chaidh an lìonadh le iongnadh agus le uabhas a thaobh an rud sin a thachair dha.
Peadar a' Bruidhinn ris an Luchd‑Coimheid
11Fhad 's a bha grèim aige air Peadar is Eòin, ruith an sluagh gu lèir thuca ann an sgàil‑thaigh Sholaimh, fo mhòr‑iongnadh. 12Ach nuair a chunnaic Peadar seo fhreagair e an sluagh: “Fheara Israeil, carson a tha sibh a' gabhail iongnadh mun seo, no carson a tha sibh a' coimhead gu geur oirnne, mar gum b' ann le ar cumhachd no ar cràbhachd fhèin a thug sinn air an duine seo coiseachd? 13Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil. 14Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh, 15agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean. 16Agus tro chreideamh na ainm – ann an ainm Ìosa – neartaich e an duine seo a tha sibhse a' faicinn agus as aithne dhuibh, agus tha an creideamh a tha tro Ìosa air an t‑slàinte choileanta seo a thoirt dha nur làthair‑se uile.
17“Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh seo, mar a rinn ur riaghladairean cuideachd. 18Ach na rudan a dh'innis Dia ro‑làimh le beul nam fàidhean uile, gum fulaingeadh an Crìosd aige, choilean e san dòigh sin. 19Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às, 20airson 's gun tig amannan ùrachaidh o làthaireachd an Tighearna, agus gum faod e Ìosa a chur thugaibh, an Crìosd a ro‑òrdaich e dhuibh. 21Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada. 22Oir thuirt Maois, ‘Togaidh an Tighearna Dia suas dhuibh fàidh coltach riumsa o ur bràithrean. Èistidh sibh ris‑san sa h‑uile rud a chanas e ribh. 23Agus tachraidh e gun tèid a h‑uile h‑anam nach èist ris an fhàidh sin a sgrios o mheasg an t‑sluaigh.’#Deut. 18:15, 18, 19
24“Agus san aon dòigh, na fàidhean gu lèir a th' air bruidhinn, o Shamuel is iadsan a thàinig às a dhèidh, dh'aithris iad gu follaiseach mu na làithean seo. 25Is sibhse clann nam fàidhean agus a' chùmhnaint a rinn Dia ri ur n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, ‘Agus nad shliochd‑sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.’#Gen. 22:18; 26:4 26Às dèidh do Dhia a sheirbheiseach a thogail suas, chuir e a‑mach dhuibhse an toiseach e airson 's gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh a thionndadh o ur slighean olca.”
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024